Marcus 10:32 - Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 198632 Bha Iosa agus a dheisciobail a' gabhail an rathaid suas gu Ierusalem, 's Iosa a' dol rompa. Bha ioghnadh air na deisciobail, 's bha eagal air an fheadhainn a bha ga leantainn. An sin thug e an dà fhear dheug air leth a‑rithist, agus thòisich e air innse dhaibh dè bha gu tachairt dha. Faic an caibideilAm Bìoball Gàidhlig 199232 Agus bha iad air an t‑slighe a’ dol suas gu Ierusalem: agus bha Iosa ag imeachd romhpa, agus ghlac uamhas iad, agus nuair a bha iad ga leantainn, bha eagal orra. Agus thug e an dà‑fhear-dheug air leth a‑rìs, agus thòisich e air na nithean a bha gu tachairt dha innse dhaibh; Faic an caibideilAm Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 199232 Agus bha iad air an t‑slighe a’ dol suas gu Ierusalem: agus bha Iosa ag imeachd romhpa, agus ghlac uamhas iad, agus nuair a bha iad ga leantainn, bha eagal orra. Agus thug e an dà‑fhear‐dheug air leth a‑rìs, agus thòisich e air na nithean a bha gu tachairt dha innse dhaibh; Faic an caibideilAn Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 201732 Bha iad air an rathad a' dol suas gu Ierusalem, agus bha Ìosa a' coiseachd air thoiseach orra; agus ghlac iongnadh iad, agus bha iadsan a bha a' leantainn fo eagal. Agus a‑rithist a' toirt an dà fhear dheug air leth, thòisich e air na rudan a bha a' dol a thachairt innse dhaibh, Faic an caibideilTiomnadh Nuadh (MacEachen) 187532 Agus bha iad air an rathad a dol suas gu Ierusalem; agus dhʼimich Iosa rompa, us bha ioghnadh orra; us ga leanail bha fiamh orra. Agus ghabh e rithist na dhà-dhiag, agus thòisich e ri innse dhaibh na bha dol a thachairt dha. Faic an caibideil |