Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 10:24 - Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

24 Nuair a chuala na deisciobail seo, chuir e uamhas orra. Ach thuirt Iosa riu, “A chlann, nach e tha duilich a dhol a‑steach a rìoghachd Dhè!

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

24 Agus bha mòr-uamhas air na deisciobail airson a bhriathran. Ach fhreagair Iosa a‑rìs, agus thubhairt e riu, A chlann, cia deacair dhaibhsan a chuireas an dòigh ann an saoibhreas, dol a‑steach do rìoghachd Dhè!

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

24 Agus bha mòr‐uamhas air na deisciobail airson a bhriathran. Ach fhreagair Iosa a‑rìs, agus thubhairt e riu, A chlann, cia deacair dhaibhsan a chuireas an dòigh ann an saoibhreas, dol a‑steach do rìoghachd Dhè!

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

24 Bha na deisciobail fo iongnadh air sgàth a bhriathran. Ach fhreagair Ìosa iad a‑rithist, “A chlann, nach doirbh e a dhol a‑steach do rìoghachd Dhè!

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

24 Us ghabh a dheisciopuil iongantas á bhriathran. Ach Iosa freagairt a rithist, thuirt e riu: A chlann bheag, nach duilich dhaibhse, a chuireas uigh am beartas, dol a stigh do rioghachd Dhe!

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 10:24
28 Iomraidhean Croise  

Chuir seo ioghnadh eagalach air na bh'ann, 's bha iad a' faighneachd de chach-a‑chèile, “Dè tha seo? Teagasg ùr dha-rìribh, agus cumhachd còmhla ris! Tha e a' toirt òrdugh dha na droch spioradan fhèin 's tha iad a' toirt feairt air!”


Thug Iosa sùil man cuairt 's thuirt e ri dheisciobail, “Nach e bhios duilich dhan fheadhainn aig a bheil mòran saoibhreis a dhol a‑steach a rìoghachd Dhè.”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan