Marcus 10:14 - Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 198614 Nuair a chunnaic Iosa seo, dh'fhàs e feargach 's thuirt e, “Leigibh leis a' chloinn tighinn thugam 's na cuiribh bacadh orra, oir is ann dhan leithid-san a bhuineas rìoghachd Dhè. Faic an caibideilAm Bìoball Gàidhlig 199214 Ach nuair a chunnaic Iosa sin, bha e ro‑dhiombach, agus thubhairt e riu, Leigibh do na leanaban teachd am ionnsaigh, agus na bacaibh iad: oir is ann dan leithidean a tha rìoghachd Dhè. Faic an caibideilAm Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 199214 Ach nuair a chunnaic Iosa sin, bha e ro‑dhiombach, agus thubhairt e riu, Leigibh do na leanaban teachd am ionnsaigh, agus na bacaibh iad: oir is ann dan leithidean a tha rìoghachd Dhè. Faic an caibideilAn Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 201714 Ach nuair a chunnaic Ìosa seo bha e diombach agus thuirt e riutha, “Leigibh le na leanabanan tighinn thugamsa; na cuiribh bacadh orra, oir is ann dhen leithidean seo a tha rìoghachd Dhè. Faic an caibideilTiomnadh Nuadh (MacEachen) 187514 Nuair chunnaic Iosa iad, ghabh e gu h-olc e, us thuirt e riu: Leigibh le cloinn bhig tighinn gam ionnsuidhse, agus na bacaibh iad: ʼs gur ann dha ʼn leithidean a bhuineas rioghachd Dhe: Faic an caibideil |