Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Tìtus 1:2 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

2 ann an dòchas na beatha shìorraidh a gheall Dia, nach dèan breug, ro linntean tìme,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 Ann an dòchas na beatha maireannaich a gheall Dia, do nach comasach breug a dhèanamh, ro chruthachadh an t‑saoghail;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 Ann an dòchas na beatha maireannaich a gheall Dia, do nach comasach breug a dhèanamh, ro chruthachadh an t‑saoghail;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

2 Gu dochas na beatha siorruidh, a gheall Dia, nach dian briag, roimh thimean an t-saoghail:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Tìtus 1:2
46 Iomraidhean Croise  

“An uair sin canaidh an Rìgh riuthasan air a làimh dheis, ‘Thigibh, sibhse a tha beannaichte lem Athair‑sa, sealbhaichibh mar oighreachd an rìoghachd a th' air a deasachadh dhuibh o bhunait an t‑saoghail.


“Agus thèid iadsan air falbh, a‑steach do pheanas sìorraidh, ach na fìreanan chun na beatha shìorraidh.”


Fhad 's a bha e a' tòisicheadh air a shlighe, ruith duine suas thuige agus chaidh e sìos air a ghlùinean ma choinneamh, agus dh'fhaighnich e dha, “Fhir‑Teagaisg mhaith, dè a dh'fheumas mi a dhèanamh airson 's gun sealbhaich mi a' bheatha shìorraidh?”


nach fhaigh a cheud uiread san àm seo fhèin (taighean is bràithrean is peathraichean is màthraichean is clann is achaidhean – cuide ri geur‑leanmhainnean) agus, san linn ri thighinn, a' bheatha shìorraidh.


Tha mi a' toirt na beatha sìorraidh dhaibh agus cha tèid an sgrios gu bràth; cha mhotha a spìonas neach sam bith às mo làimh iad.


Oir thug thu ùghdarras dha thairis air gach feòil, airson 's gun toireadh e a' bheatha shìorraidh dha na h‑uile a thug thu dha.


“Athair, is miann leam cuideachd gum biodh iadsan a thug thu dhomh còmhla rium far a bheil mise, airson 's gum faiceadh iad mo ghlòir a tha thusa air a thoirt dhomh a chionn 's gun do ghràdhaich thusa mi mus deach bunaitean an t‑saoghail a stèidheachadh.


Tha sibh a' rannsachadh nan Sgriobtar, oir tha sibh a' smaoineachadh gu bheil a' bheatha shìorraidh agaibh annta sin, agus is iad sin a tha a' toirt fianais mum dheidhinn,


Ge b' e cò a dh'itheas m' fheòil‑sa agus a dh'òlas m' fhuil‑sa, tha a' bheatha shìorraidh aige, agus togaidh mise suas e air an latha dheireannach.


Fhreagair Sìmon Peadar e, “A Thighearna, cò thuige a thèid sinn? Is ann agadsa a tha faclan na beatha shìorraidh.


agus tha seo aithnichte o shean.’


a gheall e ro‑làimh tro na fàidhean aige fhèin anns na Sgriobtaran naomha;


A‑nis dhàsan a tha comasach air sibhse a stèidheachadh a rèir mo shoisgeul‑sa agus searmonachadh Ìosa Crìosd, a rèir taisbeanadh an dìomhaireachd a bh' air a chumail falaichte airson linntean fada,


dhaibhsan a tha le leanaltas ann an obair mhath a' sireadh glòir is urram is neo‑bhàsmhorachd, bheir e a bheatha shìorraidh;


trom bheil sinne cuideachd, tro chreideamh, air slighe fhaighinn a‑steach dhan ghràs seo sa bheil sinn a' seasamh, agus tha sinn a' bòstadh ann an dòchas glòir Dhè.


airson 's, mar a riaghail am peacadh ann am bàs, gum faodadh gràs riaghladh cuideachd tro fhìreantachd chun na beatha shìorraidh tro Ìosa Crìosd ar Tighearna.


agus leanaltas, dearbhadh; agus dearbhadh, dòchas;


Oir is e tuarastal a' pheacaidh am bàs, ach is e saor‑thiodhlac Dhè a' bheatha shìorraidh, ann an Crìosd Ìosa ar Tighearna.


dhan do rùnaich Dia a dhèanamh aithnichte am measg nan Cinneach dè a th' ann am beairteas glòir na dìomhaireachd seo, is e Crìosd annaibhse, dòchas na glòire.


An fheadhainn a mharbh an dà chuid an Tighearna Ìosa agus na fàidhean, agus a rinn geur‑leanmhainn oirnne agus nach eil a' toileachadh Dhè, agus a tha an aghaidh a h‑uile duine:


Ach seach gu bheil sinne dhen latha, bu chòir dhuinn a bhith sòbarra, a' cur oirnn èideadh‑broillich a' chreideimh 's a' ghràidh, agus clogaid dòchas an t‑sàbhalaidh.


Cath deagh chath a' chreideimh, greimich air a' bheatha shìorraidh dhan deach do ghairm agus dhan do dh'aidich thu an deagh aideachadh mu choinneamh mhòran fhianaisean.


A' stòradh suas dhaib' fhèin deagh bhunait airson an ama ri teachd, airson 's gun greimicheadh iad air na tha dha‑rìribh na bheatha.


Pòl, abstol Chrìosd Ìosa, tro thoil Dhè, a rèir geallaidh na beatha a th' ann an Crìosd Ìosa.


Esan a shàbhail sinn is a ghairm oirnn le gairm naomh, chan ann a rèir ar n‑obraichean, ach a rèir a rùin fhèin is a ghràis, a thug e dhuinne ann an Ìosa Crìosd, ro linn na tìm;


Mar sin tha mi a' giùlain a h‑uile sìon air an sgàth‑san a tha taghte, gus am faigh iadsan cuideachd an sàbhaladh a th' ann an Crìosd Ìosa, le glòir shìorraidh.


Ma tha sinn mì‑dhìleas, fanaidh esan dìleas, oir chan urrainn dha e fhèin àicheadh.


Dèan a h‑uile dìcheall thu fhèin a nochdadh dearbhte do Dhia, neach‑obrach gun nàire, a' mìneachadh facal na fìrinne gu ceart.


an dùil ris an dòchas bheannaichte agus ri nochdadh glòir ar Dè mhòir 's ar Slànaigheir Ìosa Crìosd.


anns gach nì gan nochdadh fhèin mar shamhladh dheagh obraichean, ann an teagasg a' nochdadh treibhdhireachd, iomchaidheachd,


agus, air ar fìrinneachadh tro a ghràs‑san, bhitheamaid nar n‑oighreachan a rèir dòchais na beatha shìorraidh.


Agus 's e seo an gealladh a gheall e dhuinn – a' bheatha shìorraidh.


Agus tha fios againn gun tàinig Mac Dhè agus gun tug e dhuinne tuigse airson 's gum bi eòlas againn airsan a tha fìor, agus tha sinne annsan a tha fìor, na Mhac, Ìosa Crìosd. Is esan an Dia fìor agus a' bheatha shìorraidh.


cumaibh sib' fhèin ann an gràdh Dhè, a' feitheamh air tròcair ar Tighearna Ìosa Crìosd – gu beatha shìorraidh.


Agus nì a h‑uile neach a tha a' còmhnaidh air an talamh adhradh dhi, iadsan aig nach eil an ainmean sgrìobhte ann an leabhar‑beatha an Uain, a chaidh a mharbhadh o thoiseach an t‑saoghail.


A' bhiast a chunnaic thu, bha i ann 's chan eil i ann, agus tha i gus tighinn a‑nìos às an Àibheis agus gus a dhol gu sgrios. Agus bidh iadsan a tha a' còmhnaidh air an talamh – aig a bheil ainmean nach eil air an sgrìobhadh ann an leabhar na beatha o thoiseach an t‑saoghail – fo iongnadh, nuair a chì iad a' bhiast a bha ann agus nach eil ann agus a bhitheas ann.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan