Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 9:4 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

4 Agus chaidh innse dhaibh gun cron a dhèanamh air feur na talmhainn, no air rud sam bith uaine, no air craobh sam bith, ach a‑mhàin air na daoine, a h‑uile neach air nach eil seula Dhè air clàr a' bhathais.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

4 Agus chaidh a ràdh riu gun iad a dhèanamh dochainn air feur na talmhainn, no air nì sam bith uaine, no air craoibh sam bith; ach air na daoine sin a‑mhàin aig nach eil seula Dhè air clàr an aodainn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

4 Agus chaidh a ràdh riu gun iad a dhèanamh dochainn air feur na talmhainn, no air nì sam bith uaine, no air craoibh sam bith; ach air na daoine sin a‑mhàin aig nach eil seula Dhè air clàr an aodainn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

4 Us thugadh ordugh dhaibh, nach milleadh iad fiar an talmhuinn, no ni gorm air bith, no craobh air bith: ach a mhain na daoine aig nach robh seul Dhe air clar an aodainn;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 9:4
15 Iomraidhean Croise  

Oir èiridh crìosdan brèige agus fàidhean brèige is nì iad comharraidhean mòra agus iongantasan, airson 's – nan robh e an comas – fiù 's an fheadhainn thaghte fhèin a mhealladh.


Agus na cuiribh doilgheas air Spiorad Naomh Dhè, leis an deach seula a chur oirbh gu latha na saorsa.


Agus chunnaic mi, agus seall, Uan na sheasamh air beinn Shioin agus còmhla ris ceud, ceathrad 's a ceithir mìle, aig an robh ainm‑san agus ainm Athar‑san, air an sgrìobhadh air clàr nam bathaisean aca.


Agus chuala mi, mar gum biodh, guth am measg nan ceithir creutairean beòtha, ag ràdh, “Tomhas cruithneachd airson denarius agus trì tomhasan eòrna airson denarius, agus na dèan milleadh air an ola no air an fhìon.”


Às dèidh seo chunnaic mi ceithir ainglean nan seasamh aig ceithir oiseanan na talmhainn, a' cumail ceithir gaothan na talmhainn, gus nach sèideadh gaoth sam bith air an talamh, no air a' mhuir, no air craobh sam bith.


Agus shèid a' chiad fhear a thrombaid, agus thàinig clachan‑meallain is teine, air am measgachadh le fuil, agus bha iad air an tilgeil air an talamh. Agus bha an treas pàirt dhen talamh air a losgadh, agus bha an treas pàirt dhe na craobhan air an losgadh agus bha am feur uaine gu lèir air a losgadh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan