Taisbeanadh 9:11 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 201711 Agus tha rìgh aca thairis orra, aingeal na h‑Àibheis; 's e an t‑ainm a th' air ann an Eabhra, “Abaddon,” agus ann an Greugais 's e an t‑ainm a th' air, “Apollion.” Faic an caibideilAm Bìoball Gàidhlig 199211 Agus bha rìgh aca os an cionn, eadhon aingeal an dubh-aigein, agus is e as ainm dha anns an Eabhra, Abadon, ach anns a’ Ghrèigis is e as ainm dha Apolion. Faic an caibideilAm Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 199211 Agus bha rìgh aca os an cionn, eadhon aingeal an dubh‐aigein, agus is e as ainm dha anns an Eabhra, Abadon, ach anns a’ Ghrèigis is e as ainm dha Apolion. Faic an caibideilTiomnadh Nuadh (MacEachen) 187511 Agus bha aca thairis orra righ, aingeal an t-sluic gun ghrunnd, dha ʼn ainm san Eabhra Abaddon, an Greigis Apollion, san Laidinn se Ecsterminans ʼainm. Faic an caibideil |
Tha sibhse o ur n‑athair an diabhal agus is iad miannan ur n‑athar as toigh leibh a dhèanamh. Bha esan na mhurtair on toiseach, agus cha sheas e anns an fhìrinn, a chionn 's nach eil fìrinn ann. Nuair a dh'innseas e breug, is ann uaithe fhèin a tha e a' bruidhinn, oir is e breugaire a th' ann agus is esan athair na brèige.