Taisbeanadh 9:1 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 20171 Agus shèid an còigeamh aingeal trombaid, agus chunnaic mi rionnag a bh' air tuiteam o nèamh chun na talmhainn, agus chaidh iuchair sloc na h‑Àibheis a thoirt dha. Faic an caibideilAm Bìoball Gàidhlig 19921 Agus shèid an còigeamh aingeal a thrompaid, agus chunnaic mi reul a’ tuiteam o nèamh a‑chum na talmhainn: agus thugadh dha iuchair sloc an dubh-aigein. Faic an caibideilAm Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Agus shèid an còigeamh aingeal a thrompaid, agus chunnaic mi reul a’ tuiteam o nèamh a‑chum na talmhainn: agus thugadh dha iuchair sloc an dubh‐aigein. Faic an caibideilTiomnadh Nuadh (MacEachen) 18751 Agus sheid an coigeamh aingeal an trombaid; us chunnaic mi reul, a bhʼ air tuiteam bho neamh air an talamh, agus thugadh dha iuchair an t-sluic gun ghrunnd. Faic an caibideil |
A' bhiast a chunnaic thu, bha i ann 's chan eil i ann, agus tha i gus tighinn a‑nìos às an Àibheis agus gus a dhol gu sgrios. Agus bidh iadsan a tha a' còmhnaidh air an talamh – aig a bheil ainmean nach eil air an sgrìobhadh ann an leabhar na beatha o thoiseach an t‑saoghail – fo iongnadh, nuair a chì iad a' bhiast a bha ann agus nach eil ann agus a bhitheas ann.