Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 8:3 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

3 Agus thàinig aingeal eile agus sheas e aig an altair, is bha tùisear òir aige, agus chaidh mòran tùise a thoirt dha, airson a thairgsinn suas còmhla ri ùrnaighean nan naomh gu lèir air an altair òir a bha mu choinneamh na rìgh‑chathrach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

3 Agus thàinig aingeal eile, agus sheas e aig an altair, agus tùiseir òir aige; agus thugadh dha mòran tùise, a‑chum gun tugadh e e suas maille ri ùrnaighean nan uile naomh, air an altair òir a bha an làthair na rìgh-chathrach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

3 Agus thàinig aingeal eile, agus sheas e aig an altair, agus tùiseir òir aige; agus thugadh dha mòran tùise, a‑chum gun tugadh e e suas maille ri ùrnaighean nan uile naomh, air an altair òir a bha an làthair na rìgh‐chathrach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

3 Us thainig aingeal eile, agus sheas e air bialaobh na h-altrach, agus tùiseir òir aige; us thugadh dha moran tùise, gus an tairgeadh e suas urnaighean nan naomh uile air an altair òir, a tha air bialaobh cathair Dhe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 8:3
32 Iomraidhean Croise  

Agus bha mòr‑bhuidheann an t‑sluaigh gu lèir ag ùrnaigh a‑muigh aig àm na tùise.


Cò a dhìteas? Is e Crìosd Ìosa a fhuair bàs – seadh barrachd air a sin, a bh' air a thogail, a tha aig deas‑làimh Dhè, a tha cuideachd a' dèanamh eadar‑ghuidhe air ar son.


Agus mar sin, tha esan comasach air iadsan a thig gu Dia troimhesan a shàbhaladh gu h‑iomlan, oir tha e beò gu sìorraidh airson guidhe air an son.


le tùisear òir agus Àirc a' Chùmhnaint air a còmhdachadh gu lèir mun cuairt le òr, agus le poit òir innte anns an robh am mana, agus an t‑slat aig Aaron a chuir a‑mach blàth, agus clàir a' chùmhnaint.


Agus chunnaic mi aingeal làidir eile a' tighinn a‑nuas o nèamh, air a sgeadachadh le sgòth is bogha‑frois air a cheann. Agus bha aghaidh‑san mar a' ghrian agus na casan aige mar cholbhan teine.


Agus thàinig aingeal eile a‑mach on altair, aig an robh ùghdarras thairis air an teine, agus bhruidhinn e le guth àrd ris‑san aig an robh an corran geur, ag ràdh, “Cuir a‑mach do chorran geur agus cruinnich bagaidean fìonain na talmhainn, oir tha na fìon‑dhearcan air abachadh.”


Agus nuair a thug e uaithe an rolla, thuit na ceithir creutairean beòtha agus na fichead 's a ceithir èildear mu choinneamh an Uain; agus bha clàrsach agus bobhlaichean òir, a bha làn tùise, aig gach fear dhiubh; is e sin ùrnaighean nan naomh.


Agus nuair a dh'fhosgail e an còigeamh seula, chunnaic mi fon altair anman na feadhna a chaidh a mharbhadh airson facal Dhè 's airson an teisteanais a ghlèidh iad.


Agus chunnaic mi aingeal eile a' tighinn suas o èirigh na grèine, aig an robh seula an Dè bheò, agus dh'èigh e le guth àrd ris na ceithir ainglean, dhan deach a cheadachadh cron a dhèanamh air an talamh agus air a' mhuir,


Agus chaidh ceò na tùise suas còmhla ri ùrnaighean nan naomh, o làimh an aingil, mu choinneamh Dhè.


Agus às dèidh dhan aingeal an tùisear a ghabhail agus a lìonadh le teine on altair, thilg e chun na talmhainn e, agus bha tàirneanaich is fuaimean is boillsgidhean dhealanach is crith‑thalmhainn ann.


Agus shèid an siathamh aingeal trombaid agus chuala mi guth o cheithir adhaircean na h‑altarach òir a tha mu choinneamh Dhè,


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan