Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 8:2 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

2 Agus chunnaic mi na seachd ainglean a tha nan seasamh mu choinneamh Dhè, agus chaidh seachd trombaidean a thoirt dhaibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 Agus chunnaic mi na seachd aingil a sheas am fianais Dhè; agus thugadh dhaibh seachd trompaidean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 Agus chunnaic mi na seachd aingil a sheas am fianais Dhè; agus thugadh dhaibh seachd trompaidean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

2 Agus chunnaic mi seachd ainglean ʼnan seasamh an lathair Dhe; us thugadh dhaibh seachd trombaidean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 8:2
18 Iomraidhean Croise  

“Thugaibh an aire nach dèan sibh tàir air aon dhen fheadhainn bhig seo. Oir tha mise ag ràdh ribh gu bheil an ainglean‑san ann an nèamh an‑còmhnaidh a' faicinn aghaidh m' Athar‑sa a tha ann an nèamh.


Agus cuiridh e a‑mach na h‑ainglean aige le gairm àrd trompaid, agus cruinnichidh iad an fheadhainn thaghte aige o na ceithir gaothan, o aon cheann de nèimh gus an ceann eile.


Agus fhreagair an t‑aingeal e, “Is mise Gàbriel a tha a' seasamh mu choinneamh Dhè, agus chaidh mo chur airson bruidhinn riutsa agus an naidheachd mhath seo a thoirt thugad.


Dèanaibh faire aig gach àm, a' dèanamh ùrnaigh airson 's gum bi an neart agaibh airson teicheadh on a h‑uile rud a tha a' dol a thachairt, agus airson seasamh mu choinneamh Mhic an Duine.”


ann an tiota, ann am priobadh na sùla, aig an trompaid dheireannach. Oir sèididh an trompaid, agus thèid na mairbh a thogail neo‑thruaillidh, is thèid sinne ar n‑atharrachadh.


Oir thig an Tighearna fhèin, le èigh òrduigh, le guth an àrd‑aingil agus le trompaid Dhè, a‑nuas o nèimh, agus èiridh na mairbh ann an Crìosd an toiseach.


Eòin, Gu na seachd eaglaisean ann an Àisia: Gràs dhuibh agus sìth uaithesan a tha agus a bha agus a tha a' tighinn agus o na seachd spioradan a tha mu choinneamh a rìgh‑chathrach‑san.


Agus shèid an seachdamh aingeal an trombaid, agus bha guthan àrda ann an nèamh ag ràdh: “Tha rìoghachd an t‑saoghail air tighinn gu bhith na rìoghachd ar Tighearna agus a Chrìosd‑san, agus riaghlaidh e gu saoghal nan saoghal.”


Agus chunnaic mi comharra eile air nèamh, mòr is iongantach: seachd ainglean aig an robh seachd plàighean, an fheadhainn dheireannach; oir annta sin tha fearg Dhè air a choileanadh.


Agus chuala mi guth àrd on teampall, ag ràdh ris na seachd ainglean, “Thallaibh, agus dòirtibh na seachd bobhlaichean de dh'fheirge Dhè air an talamh.”


Agus chunnaic mi, agus chuala mi aon iolair air sgèith ann am meadhan an adhair 's ag ràdh le guth àrd, “Is mairg, is mairg, is mairg dhaibhsan a tha a' còmhnaidh air an talamh, air sgàth na th' air fhàgail de sgalan na trombaid aig na trì ainglean a tha gus an sèideadh.”


Agus dh'ullaich na seachd ainglean aig an robh trombaidean iad fhèin airson 's gun sèideadh iad na trombaidean.


Agus shèid an còigeamh aingeal trombaid, agus chunnaic mi rionnag a bh' air tuiteam o nèamh chun na talmhainn, agus chaidh iuchair sloc na h‑Àibheis a thoirt dha.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan