Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 8:1 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

1 Agus nuair a dh'fhosgail e an seachdamh seula, bha sàmhchair air nèamh airson mu leth uair a thìde.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus nuair a dh’fhosgail e an seachdamh seula, bha tosd air nèamh mu thimcheall leth uaire.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

1 Agus nuair a dh’fhosgail e an seachdamh seula, bha tosd air nèamh mu thimcheall leth uaire.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

1 Agus nuair a dhʼ fhosgail e an seachdamh seul, bha tosdachd air neamh, mu thimchioll leth uair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 8:1
14 Iomraidhean Croise  

Mar sin dh'fhalbh iad agus rinn iad an tuam tèarainte le bhith a' seulachadh na cloiche agus leis a' gheàrd.


Agus chunnaic mi ann an làimh dheis an fhir a bha na shuidhe air an rìgh‑chathair, rolla air a sgrìobhadh air an taobh a‑staigh 's air a chùlaibh, agus a bh' air a sheulachadh le seachd seulachan.


Agus sheinn iad òran ùr, ag ràdh: “Is airidh thusa air an rolla a ghabhail agus air a sheulachan fhosgladh, oir chaidh do mharbhadh agus cheannaich thu daoine do Dhia led fhuil, às gach treubh is teanga is sluagh is nàisean.


Agus chunnaic mi, nuair a dh'fhosgail an t‑Uan aon dhe na seachd seulachan; is chuala mi aon dhe na ceithir creutairean beòtha ag ràdh, mar le guth thàirneanach: “Thig”.


Agus chunnaic mi, nuair a dh'fhosgail e an siathamh seula; agus thachair crith‑thalmhainn mhòr is dh'fhàs a' ghrian dubh mar shac‑aodach gaoisid, agus dh'fhàs a' ghealach gu lèir mar fhuil.


Agus nuair a dh'fhosgail e an dara seula, chuala mi guth an dara creutair beò ag ràdh, “Thig”.


Agus nuair a dh'fhosgail e an treas seula, chuala mi an treas creutair beò ag ràdh, “Thig.” Agus chunnaic mi, agus seall, each dubh agus bha meidh aig an neach a bha na shuidhe air, na làimh.


Agus nuair a dh'fhosgail e an ceathramh seula, chuala mi guth a' cheathramh creutair beò ag ràdh, “Thig.”


Agus nuair a dh'fhosgail e an còigeamh seula, chunnaic mi fon altair anman na feadhna a chaidh a mharbhadh airson facal Dhè 's airson an teisteanais a ghlèidh iad.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan