Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 7:3 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

3 ag ràdh, “Na dèanaibh cron air an talamh no air a' mhuir no air na craobhan, gus an seulaich sinn seirbheisich ar Dè air clàr am bathaisean.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

3 Ag ràdh, Na dèanaibh dochann air an talamh, no air an fhairge, no air na craobhan, gus an cuir sinn seula air seirbhisich ar Dè air clàir an aodainn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

3 Ag ràdh, Na dèanaibh dochann air an talamh, no air an fhairge, no air na craobhan, gus an cuir sinn seula air seirbhisich ar Dè air clàir an aodainn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Laoidhean o na Sgriobtaran Naomha 1987

3 Nis sleuchdar leotha le glùinean lùbt gu h‑umh'l aig cathair Dhia; 'S le anman cràbhach molaidh iad a mhòrachd feadh gach ial.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

3 A g-radh: Na dochainnibh an talamh, no mhuir, no na craobhan, gus an comharraich sinn seirbhisich ar De air clar an aodainn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 7:3
31 Iomraidhean Croise  

Agus mura biodh na làithean sin air an giorrachadh, cha bhiodh neach sam bith air a shàbhaladh, ach air sgàth na feadhna thaghte thèid na làithean sin a ghiorrachadh.


Agus cuiridh e a‑mach na h‑ainglean aige le gairm àrd trompaid, agus cruinnichidh iad an fheadhainn thaghte aige o na ceithir gaothan, o aon cheann de nèimh gus an ceann eile.


Ma nì neach sam bith seirbheis dhòmhsa, feumaidh e mo leantainn; agus ge b' e àite anns am bi mise, an sin bidh mo sheirbheiseach cuideachd. Ma nì neach sam bith seirbheis dhòmhsa, bheir m' Athair urram dha.


Tha esan a ghabh ri fhianais‑san air dearbhadh gu bheil Dia fìor.


Ach a‑nis on a chaidh ur saoradh on pheacadh 's a tha sibh air tighinn gus a bhith nur tràillean do Dhia, tha an toradh a tha agaibh gu naomhachd, agus a cheann‑uidhe – a' bheatha shìorraidh.


Agus bha i a' toirt air beag is mòr, air beairteach is bochd, agus air saor is daor, gum biodh comharra air a thoirt dhaibh air an làimh dheis aca no air na bathaisean aca;


agus nach biodh duine sam bith an comas ceannach no reic, ach a‑mhàin esan aig a bheil an comharra, ainm na bèiste, no àireamh a h‑ainme.


Agus chunnaic mi, agus seall, Uan na sheasamh air beinn Shioin agus còmhla ris ceud, ceathrad 's a ceithir mìle, aig an robh ainm‑san agus ainm Athar‑san, air an sgrìobhadh air clàr nam bathaisean aca.


Agus lean aingeal eile iad, an treas fear, ag ràdh le guth àrd, “Ma tha neach sam bith ag adhradh dhan bhèist agus dha h‑ìomhaigh, agus air a comharra fhaighinn air clàr na bathais aige no air a làimh,


Oir tha a bhreitheanais fìor agus fìreanta, oir thug e breith air an strìopaich mhòir a thruaill an talamh le a strìopachas. Agus rinn e dìoghaltas oirre airson fuil a sheirbheiseach fo a làimh‑se.”


Agus chunnaic mi rìgh‑chathraichean agus shuidh iad orra agus chaidh breitheanas a thoirt dhaibh, agus chunnaic mi anman na feadhna on deach an cinn a thoirt airson teisteanas Ìosa agus air sgàth facal Dhè, agus iadsan nach do rinn adhradh dhan bhèist no dhan ìomhaigh aice agus nach d' fhuair an comharra air clàr am bathais 's air an làmhan, agus thàinig iad beò is rìoghaich iad còmhla ri Crìosd airson mìle bliadhna.


Agus chì iad aghaidh‑san agus bidh an t‑ainm aige air clàr am bathaisean.


Agus chuala mi, mar gum biodh, guth am measg nan ceithir creutairean beòtha, ag ràdh, “Tomhas cruithneachd airson denarius agus trì tomhasan eòrna airson denarius, agus na dèan milleadh air an ola no air an fhìon.”


Às dèidh seo chunnaic mi ceithir ainglean nan seasamh aig ceithir oiseanan na talmhainn, a' cumail ceithir gaothan na talmhainn, gus nach sèideadh gaoth sam bith air an talamh, no air a' mhuir, no air craobh sam bith.


Agus chunnaic mi aingeal eile a' tighinn suas o èirigh na grèine, aig an robh seula an Dè bheò, agus dh'èigh e le guth àrd ris na ceithir ainglean, dhan deach a cheadachadh cron a dhèanamh air an talamh agus air a' mhuir,


Agus chaidh innse dhaibh gun cron a dhèanamh air feur na talmhainn, no air rud sam bith uaine, no air craobh sam bith, ach a‑mhàin air na daoine, a h‑uile neach air nach eil seula Dhè air clàr a' bhathais.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan