Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 7:16 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

16 Cha bhi acras orra tuilleadh, no pathadh orra tuilleadh. Cha mhotha a bhuaileas a' ghrian iad no teas sam bith.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

16 Cha bhi acras orra tuilleadh, no tart nas mò; cha mhò a bhuaileas a’ ghrian orra, no teas air bith.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

16 Cha bhi acras orra tuilleadh, no tart nas mò; cha mhò a bhuaileas a’ ghrian orra, no teas air bith.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

16 ʼS cha bhi acras no pathadh orra tuille, ʼs cha bhual a ghrian orra, no teas sa bith:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 7:16
23 Iomraidhean Croise  

ach chan eil freumh aige ann fhèin, ach mairidh e ùine ghoirid, agus nuair a thig trioblaid no geur‑leanmhainn air sgàth an fhacail, sa bhad tuitidh e air falbh.


Ach nuair a dh'èirich a' ghrian chaidh a losgadh, agus a chionn 's nach robh freumh aige, shearg e às.


Is beannaichte iadsan air a bheil acras is pathadh na fìreantachd, oir thèid an sàsachadh.


Agus chan eil freumh aca annta fhèin, ach mairidh iad ùine ghoirid. An uair sin, nuair a dh'èireas àmhghar no geur‑leanmhainn air sgàth an fhacail, sa bhad tha iad a' tuiteam air falbh.


Agus nuair a dh'èirich a' ghrian chaidh a losgadh, agus a chionn 's nach robh freumh aige, shearg e às.


Lìon e an fheadhainn a bha acrach le rudan matha; agus na daoine saidhbhir chuir e air falbh falamh.


Is beannaichte sibhse a tha acrach a‑nis, oir thèid ur sàsachadh. Is beannaichte sibhse a tha a' caoineadh a‑nis, oir nì sibh gàire.


ach ge b' e a dh'òlas dhen uisge a bheir mise dha, cha bhi pathadh gu bràth tuilleadh air. Ach an t‑uisge a bheir mise dha, bidh e na fhuaran uisge ann, ag èirigh suas chun na beatha sìorraidh.”


Oir dh'èirich a' ghrian le a teas loisgeach is shearg i am feur: thuit a bhlàth agus chaidh bòidhchead a choltais a sgrios. San aon dòigh seargaidh an duine beairteach na shlighean gu lèir.


Agus suathaidh e air falbh a h‑uile deur on sùilean, agus cha bhi am bàs ann tuilleadh, no bròn, no gal; is cha bhi àmhghar ann nas motha, oir thèid na ciad rudan seachad.”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan