Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 7:10 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

10 agus ag èigheach le guth àrd, thuirt iad: “Buinidh slàinte dhar Dia, a tha na shuidhe air an rìgh‑chathair, agus dhan Uan.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

10 Agus ghlaodh iad le guth àrd, ag ràdh, Slàinte dar Dia-ne a tha na shuidhe air an rìgh-chathair, agus don Uan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

10 Agus ghlaodh iad le guth àrd, ag ràdh, Slàinte dar Dia‑ne a tha na shuidhe air an rìgh‐chathair, agus don Uan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

10 Agus dhʼ eigh iad le guth ard, a g-radh: Slainte dhaʼr Dia-ne, a tha ʼna shuidhe air a chathair, agus doʼn Uan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 7:10
26 Iomraidhean Croise  

agus chì gach uile fheòil slàinte Dhè.’”


Air an ath latha chunnaic Eòin Ìosa a' tighinn thuige agus thuirt e, “Seallaibh, Uan Dhè, a tha a' toirt air falbh peacadh an t‑saoghail!


Nuair a chunnaic e Ìosa a' dol seachad, thuirt e, “Seallaibh, Uan Dhè!”


Tha sibhse a' dèanamh adhraidh dhan rud nach aithne dhuibh, tha sinne a' dèanamh adhraidh dhan rud as aithne dhuinn, oir is ann o na h‑Iùdhaich a tha saoradh.


Oir le gràs chaidh ur sàbhaladh tro chreideamh, agus sin chan ann uaib' fhèin; is e tiodhlac Dhè a th' ann


Agus chuala mi guth àrd air nèamh, ag ràdh: “A‑nis thàinig slàinte is cumhachd is rìoghachd ar Dè, agus ùghdarras a Chrìosd‑san, oir chaidh fear‑casaid ar bràithrean, an neach a tha gan casaid mu choinneamh ar Dè a latha 's a dh'oidhche, a thilgeil sìos.


Às dèidh nan rudan seo chuala mi, mar gum biodh, guth àrd sluaigh mhòir air nèamh, ag ràdh: “Haleluia! Buinidh slàinte is glòir is cumhachd dhar Dia.


Agus thuirt esan a tha na shuidhe air an rìgh‑chathair, “Seall, tha mi ag ùrachadh a h‑uile sìon,” agus thuirt e, “Sgrìobh, oir tha na faclan seo dìleas agus fìor.”


Agus cha bhi mallachadh sam bith ann tuilleadh agus bidh rìgh‑chathair Dhè agus an Uain ann, agus nì a sheirbheisich seirbheis dha.


Agus mu choinneamh na rìgh‑chathrach, bha, mar gum biodh, muir ghlainne, mar chriostal. Agus ann am meadhan na rìgh‑chathrach, agus mu chuairt na rìgh‑chathrach bha ceithir creutairean beòtha, làn shùilean – air am beulaibh 's air an cùlaibh.


Agus thàinig e agus thug e an rolla o làimh dheis an fhir a bha na shuidhe air an rìgh‑chathair.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan