Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 6:4 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

4 Agus chaidh each eile a‑mach, am fear seo dearg, agus chaidh a thoirt dhan neach a bha na shuidhe air, sìth a thoirt air falbh on talamh agus gum marbhadh daoine càch‑a‑chèile, agus chaidh claidheamh mòr a thoirt dha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

4 Agus chaidh each eile a‑mach, a bha dearg; agus thugadh cumhachd dhàsan a shuidh air, a‑chum sìth a thoirt on talamh, ionnas gum marbhadh iad a chèile: agus thugadh claidheamh mòr dha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

4 Agus chaidh each eile a‑mach, a bha dearg; agus thugadh cumhachd dhàsan a shuidh air, a‑chum sìth a thoirt on talamh, ionnas gum marbhadh iad a chèile: agus thugadh claidheamh mòr dha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

4 Agus chaidh each eile mach a bha dearg; us thugadh dhasan, a bha ʼna shuidhe air, comas sith a thoirt bharr an talmhuinn, los gum marbhadh iad a cheile, agus thugadh dha claidheamh mor.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 6:4
17 Iomraidhean Croise  

“Na smaoinichibh gun tàinig mise a thoirt sìthe air thalamh. Chan ann a thoirt sìthe a thàinig mi, ach claidheamh.


Agus cluinnidh sibh mu chogaidhean agus fathannan mu chogaidhean. Thoiribh an aire nach bi sibh fo dhragh, oir feumaidh seo tachairt, ach chan eil a' chrìoch ann fhathast.


Fhreagair Ìosa, “Cha bhiodh ùghdarras sam bith idir agad thairis ormsa mura deigheadh a thoirt dhut on àirde. Mar sin, an neach a thug thairis mise dhut, tha am peacadh as motha aigesan.”


Agus bha comharra eile air fhaicinn air nèamh, agus seall, dràgon mòr dearg le seachd cinn agus deich adhaircean, agus air a chinn, seachd crùintean.


Ma tha neach sam bith gus a dhol am braighdeanas, thèid e am braighdeanas. Ma tha neach sam bith gu bhith air a mharbhadh leis a' chlaidheamh, thèid a mharbhadh leis a' chlaidheamh. Ann an seo tha leanaltas is creideamh nan naomh.


Agus ghiùlain e mi air falbh dhan fhàsaich san spiorad agus chunnaic mi boireannach na suidhe air biast sgàrlaid a bha làn de dh'ainmean toibheumach, 's air an robh seachd cinn is deich adhaircean.


Agus chunnaic mi am boireannach air mhisg le fuil nan naomh agus le fuil luchd‑fianais Ìosa. Agus nuair a chunnaic mi i, bha iongnadh mòr orm.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan