Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 5:9 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

9 Agus sheinn iad òran ùr, ag ràdh: “Is airidh thusa air an rolla a ghabhail agus air a sheulachan fhosgladh, oir chaidh do mharbhadh agus cheannaich thu daoine do Dhia led fhuil, às gach treubh is teanga is sluagh is nàisean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

9 Agus sheinn iad òran nuadh, ag ràdh, Is airidh thusa air an leabhar a ghlacadh, agus a sheulachan fhosgladh, do bhrìgh gun do mharbhadh thu, agus gun do shaor thu sinne do Dhia led fhuil fhèin, as gach uile threubh, agus theangaidh, agus shluagh, agus chinneach;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

9 Agus sheinn iad òran nuadh, ag ràdh, Is airidh thusa air an leabhar a ghlacadh, agus a sheulachan fhosgladh, do bhrìgh gun do mharbhadh thu, agus gun do shaor thu sinne do Dhia led fhuil fhèin, as gach uile threubh, agus theangaidh, agus shluagh, agus chinneach;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Laoidhean o na Sgriobtaran Naomha 1987

9 Às gach aon teangaidh agus tìr, thional 's thug Crìosd a shliochd; Gach dùthaich chèin is innis cuain, fios fhuair air saidhbhreas iochd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

9 Agus sheinn iad laoidh ùr, a g-radh: Is airidh thu, a Thighearna, air an leabhar fhaighinn, ʼs air a sheulan fhosgladh: a chionn gun do mharbhadh thu, ʼs gun do cheannaich thu sinn do Dhia le dʼ fhuil as a h-uile treibh, agus teangaidh, agus sluagh, agas cinneadh;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 5:9
41 Iomraidhean Croise  

dìreach san dòigh anns nach tàinig Mac an Duine airson 's gun deigheadh frithealadh a dhèanamh dha, ach a dhèanamh frithealaidh, agus airson a bheatha fhèin a thoirt mar èirig airson mhòran.”


oir is i seo m' fhuil‑sa, fuil a' chùmhnaint, a tha air a dòrtadh a‑mach airson mhòran airson mathanas pheacaidhean.


Cumaibh deagh aire oirb' fhèin 's air an treud gu lèir, anns an do rinn an Spiorad Naomh nur fir‑coimheid sibh gus eaglais Dhè a bhuachailleachd, a cheannaich e le fhuil fhèin.


Oir chaidh ur ceannach le prìs. Mar sin glòirichibh Dia le ur cuirp.


Chaidh ur ceannach air prìs; na tionndaidhibh nur tràillean do dhaoine.


Annsan tha saorsa againn tro fhuil‑san, mathanas ar peacaidhean, a rèir beairteas a ghràis,


a' bruidhinn ri chèile ann an sailm is laoidhean is òrain spioradail, a' seinn agus a' dèanamh ciùil le ur cridhe dhan Tighearna,


anns a bheil saorsa againn: mathanas nam peacaidhean.


ma dh'fhanas sibh dha‑rìribh sa chreideamh, stèidhichte is daingeann, agus gun a bhith air ur gluasad o dhòchas an t‑soisgeil a chuala sibh, a chaidh a shearmonachadh dhan chruthachadh gu lèir fo nèamh, air an deach mise, Pòl, mo dhèanamh nam mhinistear.


Thug esan e fhèin seachad air ar son gus an saoradh e sinn o gach aingidheachd, agus gun glanadh e sluagh sònraichte dha fhèin, eudmhor mu dheagh obraichean.


Oir tha an fheadhainn a bhruidhneas mar seo a' foillseachadh gu bheil iad a' sireadh an dùthaich fhèin.


Ach bha fàidhean brèige cuideachd am measg an t‑sluaigh, mar a bhios luchd‑teagaisg brèige cuideachd nur measg‑se, a bheir a‑steach saobh‑chreideamhan sgriosail gu cuilbheartach, eadhon ag àicheadh am Maighstir a bh' air an ceannach, a' toirt fèin‑sgrios aithghearr orra fhèin.


Ach ma choisicheas sinn san t‑solas, mar a tha esan san t‑solas, tha co‑chomann againn ri càch‑a‑chèile, agus tha fuil Ìosa, a Mhac‑san, gar glanadh on a h‑uile peacadh.


Agus is esan an ìobairt‑rèite airson ar peacaidhean, agus chan ann a‑mhàin airson ar feadhna ach cuideachd airson feadhna an t‑saoghail gu lèir.


Agus thuirt iad rium, “Feumaidh tu fàidheadaireachd a dhèanamh a‑rithist, mu mhòran dhaoine is nàiseanan is theangannan is rìghrean.”


Agus chì cuid de dhaoine is de threubhan is de theangannan is de nàiseanan an cuirp trì gu leth latha, is cha cheadaich iad gun tèid an cuirp a chur ann an tuam.


Agus chaidh a cheadachadh dhi cogadh a dhèanamh an aghaidh nan naomh agus buaidh fhaighinn thairis orra, agus chaidh ùghdarras a thoirt dhi thar a h‑uile treubh is sluagh is teanga is nàisean.


Agus nì a h‑uile neach a tha a' còmhnaidh air an talamh adhradh dhi, iadsan aig nach eil an ainmean sgrìobhte ann an leabhar‑beatha an Uain, a chaidh a mharbhadh o thoiseach an t‑saoghail.


Agus chunnaic mi aingeal eile air sgèith ann am meadhan an adhair, aig an robh deagh sgeul shìorraidh ri shearmonachadh dhaibhsan a tha a' còmhnaidh air an talamh, agus dhan a h‑uile nàisean is treubh is teanga is sluagh,


Agus tha iad a' seinn òran Mhaois, seirbheiseach Dhè, agus òran an Uain, ag ràdh: “Mòr is iongantach tha d' obraichean a Thighearna Dhè, an t‑Uile‑Chumhachdach. Tha thu fìreanta is ceart nad shlighean, Rìgh nan nàisean.


Agus thuirt e rium, “'S iad na h‑uisgeachan a chunnaic thu, far an robh an strìopach na suidhe, daoine is slòigh is nàiseanan is teangannan.


“Is airidh thusa, a Thighearna ar Dia, air glòir is urram is cumhachd fhaighinn, oir chruthaich thusa a h‑uile sìon, agus a rèir do thoil‑sa thàinig iad gu bhith ann agus bha iad air an cruthachadh.”


ag ràdh le guth àrd: “Is airidh an t‑Uan a chaidh a mharbhadh, air cumhachd is beairteas is gliocas is neart is urram is glòir is moladh, fhaighinn.”


Agus chunnaic mi eadar an rìgh‑chathair agus na ceithir creutairean beòtha, agus ann am measg nan èildearan, Uan mar gum biodh e air a mharbhadh, air an robh seachd adhaircean agus seachd sùilean; is iadsan seachd spioradan Dhè, a th' air an cur dhan t‑saoghal gu lèir.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan