Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 5:8 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

8 Agus nuair a thug e uaithe an rolla, thuit na ceithir creutairean beòtha agus na fichead 's a ceithir èildear mu choinneamh an Uain; agus bha clàrsach agus bobhlaichean òir, a bha làn tùise, aig gach fear dhiubh; is e sin ùrnaighean nan naomh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

8 Agus nuair a ghlac e an leabhar, thuit na ceithir beò-chreutairean, agus na ceithir-seanairean-fichead, sìos an làthair an Uain, agus aig gach aon dhiubh clàrsaichean, agus tùis-shoithichean òir làn tùise, nì as e ùrnaighean nan naomh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

8 Agus nuair a ghlac e an leabhar, thuit na ceithir beò‐chreutairean, agus na ceithir‐seanairean‐fichead, sìos an làthair an Uain, agus aig gach aon dhiubh clàrsaichean, agus tùis‐shoithichean òir làn tùise, nì as e ùrnaighean nan naomh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Laoidhean o na Sgriobtaran Naomha 1987

8 O 'r cionta shaor e sinn le fhuil, 's thug bràighde truagh à pèin; Rinn sagairt 's rìghrean dhinn do Dhia, gu riaghladh shuas leis fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

8 ʼS nuair a dhʼ fhosgail e an leabhar, thuit na ceithir beothaichean, ʼs na ceithir-thar-fhichead sheanairean sios air bialaobh an Uain, ʼs aig gach aon aca clarsaichean, agus cupaichean òir lan de dhʼ fhàile cubhraidh, ʼsiad sin urnaighean nan naomh;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 5:8
27 Iomraidhean Croise  

Air an ath latha chunnaic Eòin Ìosa a' tighinn thuige agus thuirt e, “Seallaibh, Uan Dhè, a tha a' toirt air falbh peacadh an t‑saoghail!


airson 's gun toireadh na h‑uile urram dhan Mhac mar a bheir iad urram dhan Athair. An neach nach toir urram dhan Mhac, chan eil e a' toirt urraim dhan Athair a chuir a‑mach e.


Agus a‑rithist, nuair a tha e a' toirt a' chiad‑ghin chun an t‑saoghail, tha e ag ràdh: “Agus dèanadh ainglean Dhè gu lèir adhradh dhà.”


Agus nì a h‑uile neach a tha a' còmhnaidh air an talamh adhradh dhi, iadsan aig nach eil an ainmean sgrìobhte ann an leabhar‑beatha an Uain, a chaidh a mharbhadh o thoiseach an t‑saoghail.


Agus chunnaic mi mar gum biodh uisge mar ghlainne air a mheasgachadh le teine; agus iadsan a tha a' buadhachadh thar na bèiste is thar na h‑ìomhaigh aice is thar àireamh an ainm aice, nan seasamh air a' mhuir ghlainne, is clàrsaichean aca o Dhia.


Agus thug aon dhe na ceithir creutairean beòtha dha na seachd ainglean, seachd bobhlaichean òir, a bha làn de dh'fheirge Dhè, a tha beò gu saoghal nan saoghal.


Agus thuit na fichead 's a ceithir èildear sìos agus na ceithir creutairean beòtha is rinn iad adhradh do Dhia a tha na shuidhe air an rìgh‑chathair, ag ràdh: “Amen, haleluia!”


tuitidh na fichead 's a ceithir èildear mu choinneamh‑san a tha na shuidhe air an rìgh‑chathair agus nì iad adhradh dhàsan a tha beò gu saoghal nan saoghal, agus tilgidh iad an crùintean mu choinneamh na rìgh‑chathrach, ag ràdh:


Agus timcheall air an rìgh‑chathair bha fichead 's a ceithir rìgh‑chathraichean, agus air na cathraichean fichead 's a ceithir èildear nan suidhe, air an èideadh ann an aodaichean geala agus crùintean òir air an cinn.


Agus mu choinneamh na rìgh‑chathrach, bha, mar gum biodh, muir ghlainne, mar chriostal. Agus ann am meadhan na rìgh‑chathrach, agus mu chuairt na rìgh‑chathrach bha ceithir creutairean beòtha, làn shùilean – air am beulaibh 's air an cùlaibh.


Agus bha sia sgiathan air gach fear dhe na creutairean beòtha, agus timcheall orra 's air an taobh a‑staigh bha iad làn shùilean, agus chan eil iad a' gabhail fois a latha 's a dh'oidhche, ag ràdh: “Naomh, naomh, naomh, An Tighearna Dia, an t‑Uile‑Chumhachdach, Esan a bha agus a tha agus a tha ri thighinn.”


Agus chunnaic mi agus chuala mi an guth aig mòran ainglean timcheall air an rìgh‑chathrach, agus aig na creutairean beòtha agus aig na h‑èildearan, agus b' e an àireamh aca, deich mìle uair deich mìle, agus mìltean de mhìltean,


ag ràdh le guth àrd: “Is airidh an t‑Uan a chaidh a mharbhadh, air cumhachd is beairteas is gliocas is neart is urram is glòir is moladh, fhaighinn.”


Agus bha na ceithir creutairean beòtha ag ràdh, “Amen”, agus thuit na h‑èildearan sìos agus rinn iad adhradh.


Agus chunnaic mi eadar an rìgh‑chathair agus na ceithir creutairean beòtha, agus ann am measg nan èildearan, Uan mar gum biodh e air a mharbhadh, air an robh seachd adhaircean agus seachd sùilean; is iadsan seachd spioradan Dhè, a th' air an cur dhan t‑saoghal gu lèir.


Agus chunnaic mi, nuair a dh'fhosgail an t‑Uan aon dhe na seachd seulachan; is chuala mi aon dhe na ceithir creutairean beòtha ag ràdh, mar le guth thàirneanach: “Thig”.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan