Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 5:13 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

13 Agus a h‑uile creutair a th' air nèamh 's air an talamh agus fon talamh 's air a' mhuir agus a h‑uile nì a th' annta, chuala mi iad ag ràdh: “Dhàsan a tha na shuidhe air an rìgh‑chathair agus dhan Uan gu robh am moladh 's an t‑urram agus a' ghlòir 's an tighearnas gu saoghal nan saoghal.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

13 Agus chuala mi gach uile chreutair a tha air nèamh, agus air an talamh, agus fon talamh, agus a tha air a’ chuan, agus na h‑uile nithean a tha annta, ag ràdh, Moladh, agus urram, agus glòir, agus cumhachd, gu robh dhàsan a tha na shuidhe air an rìgh-chathair, agus don Uan gu saoghal nan saoghal.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

13 Agus chuala mi gach uile chreutair a tha air nèamh, agus air an talamh, agus fon talamh, agus a tha air a’ chuan, agus na h‑uile nithean a tha annta, ag ràdh, Moladh, agus urram, agus glòir, agus cumhachd, gu robh dhàsan a tha na shuidhe air an rìgh‐chathair, agus don Uan gu saoghal nan saoghal.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

13 Agus chuala mi a h-uile creutair, a tha air neamh, ʼsa tha air talamh, agus fo ʼn talamh, us iadsan a tha sa mhuir, ʼsa mhiad ʼsa tha innte, a g-radh uile: Dhasan a tha ʼna shuidhe air a chathair, ʼs do ʼn Uan, gun robh beannachadh, us onair, us gioir, agus cumhachd a chaoidh nan caoidhean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 5:13
29 Iomraidhean Croise  

Agus na treòraich sinn a‑steach do bhuaireadh, ach saor sinn on olc.’


“Glòir do Dhia anns na h‑àrdan, agus air talamh sìth am measg dhaoine leis a bheil e toilichte.”


Air an ath latha chunnaic Eòin Ìosa a' tighinn thuige agus thuirt e, “Seallaibh, Uan Dhè, a tha a' toirt air falbh peacadh an t‑saoghail!


Oir is ann uaithesan is troimhesan is dhàsan a tha a h‑uile sìon. Dhàsan gu robh glòir gu sìorraidh. Amen.


do Dhia a tha a‑mhàin glic, gu robh glòir tro Ìosa Crìosd gu sìorraidh. Amen.


Dhaibhsan buinidh na prìomh‑athraichean, agus uapasan, a rèir na feòla, tha an Crìosd a tha os cionn gach nì, beannaichte le Dia gu sìorraidh. Amen.


dhàsan gu robh glòir san eaglais agus ann an Crìosd Ìosa tro na linntean gu lèir, gu saoghal nan saoghal. Amen.


airson 's – do dh'ainm Ìosa – gun lùbadh gach glùin, de rudan a tha air nèamh agus air thalamh agus a tha fon talamh,


ma dh'fhanas sibh dha‑rìribh sa chreideamh, stèidhichte is daingeann, agus gun a bhith air ur gluasad o dhòchas an t‑soisgeil a chuala sibh, a chaidh a shearmonachadh dhan chruthachadh gu lèir fo nèamh, air an deach mise, Pòl, mo dhèanamh nam mhinistear.


Glèidh thu fhèin agus an teagasg, lean ort annta, oir ann a bhith a' dèanamh seo sàbhailidh tu an dà chuid thu fhèin agus iadsan a tha ag èisteachd riut.


Ma bhruidhneas neach sam bith, dèanadh e sin mar neach a tha ag aithris faclan Dhè, ma mhinistrealaicheas neach sam bith, dèanadh e sin leis an neart a bheir Dia dha, gus am bi Dia air a ghlòrachadh sa h‑uile nì tro Ìosa Crìosd, dha bheil a' ghlòir agus an cumhachd fad saoghal nan saoghal. Amen.


Dhàsan gu robh cumhachd fad saoghal nan saoghal. Amen.


an aon Dia, ar Slànaighear, tro Ìosa Crìosd ar Tighearna – gu robh glòir, mòralachd, cumhachd is ùghdarras, ro na linntean, agus a‑nis, agus gu sìorraidh! Amen.


agus a rinn sinn nar rìoghachd, sagartan do Dhia 's dha Athair‑san – dhàsan gu robh a' ghlòir agus a' chumhachd gu saoghal nan saoghal. Amen.


Agus nì a h‑uile neach a tha a' còmhnaidh air an talamh adhradh dhi, iadsan aig nach eil an ainmean sgrìobhte ann an leabhar‑beatha an Uain, a chaidh a mharbhadh o thoiseach an t‑saoghail.


Agus chunnaic mi ann an làimh dheis an fhir a bha na shuidhe air an rìgh‑chathair, rolla air a sgrìobhadh air an taobh a‑staigh 's air a chùlaibh, agus a bh' air a sheulachadh le seachd seulachan.


ag ràdh le guth àrd: “Is airidh an t‑Uan a chaidh a mharbhadh, air cumhachd is beairteas is gliocas is neart is urram is glòir is moladh, fhaighinn.”


Agus cha robh duine comasach, air nèamh no air thalamh, no fon talamh, air an rolla fhosgladh no air sealltainn a‑steach ann.


Agus chunnaic mi eadar an rìgh‑chathair agus na ceithir creutairean beòtha, agus ann am measg nan èildearan, Uan mar gum biodh e air a mharbhadh, air an robh seachd adhaircean agus seachd sùilean; is iadsan seachd spioradan Dhè, a th' air an cur dhan t‑saoghal gu lèir.


Agus sheinn iad òran ùr, ag ràdh: “Is airidh thusa air an rolla a ghabhail agus air a sheulachan fhosgladh, oir chaidh do mharbhadh agus cheannaich thu daoine do Dhia led fhuil, às gach treubh is teanga is sluagh is nàisean.


Agus thuirt iad ris na beanntan 's ris na creagan, “Tuitibh oirnn agus falaichibh sinn o aghaidh an Aoin a tha na shuidhe air an rìgh‑chathair, agus o fheirge an Uain.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan