Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 5:1 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

1 Agus chunnaic mi ann an làimh dheis an fhir a bha na shuidhe air an rìgh‑chathair, rolla air a sgrìobhadh air an taobh a‑staigh 's air a chùlaibh, agus a bh' air a sheulachadh le seachd seulachan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus chunnaic mi ann an làimh dheis an Tì a shuidh air an rìgh-chathair, leabhar sgrìobhte anns an taobh a‑staigh dheth agus air a chùlaibh, air a sheulachadh le seachd seulachan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

1 Agus chunnaic mi ann an làimh dheis an Tì a shuidh air an rìgh‐chathair, leabhar sgrìobhte anns an taobh a‑staigh dheth agus air a chùlaibh, air a sheulachadh le seachd seulachan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Laoidhean o na Sgriobtaran Naomha 1987

1 Air cathair rìoghail Athar fhèin, feuch deàlradh glòir an Uain; Ùr‑urram deasaichibh dha ainm, is bi'bh le taing ga luaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

1 Agus chunnaic mi ʼna laimh dheis-san, a shuidh air a chathair, leabhar air a sgriobhadh a mach ʼsa stigh, ʼs air a sheuladh le seachd seulan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 5:1
16 Iomraidhean Croise  

Agus bha rolla beag a bh' air fhosgladh aige na làimh, agus chuir e a chas dheas air a' mhuir agus a chas chlì air an talamh.


Agus bha dreach an fhir a bha na shuidhe mar chloich iaspair is shàrdioin agus bha bogha‑frois mu chuairt na rìgh‑chathrach coltach ri emerald.


Agus nuair a bheir na creutairean beòtha glòir is urram is taing dhàsan a tha na shuidhe air an rìgh‑chathair, esan a tha beò gu saoghal nan saoghal,


Agus a h‑uile creutair a th' air nèamh 's air an talamh agus fon talamh 's air a' mhuir agus a h‑uile nì a th' annta, chuala mi iad ag ràdh: “Dhàsan a tha na shuidhe air an rìgh‑chathair agus dhan Uan gu robh am moladh 's an t‑urram agus a' ghlòir 's an tighearnas gu saoghal nan saoghal.”


Agus thàinig e agus thug e an rolla o làimh dheis an fhir a bha na shuidhe air an rìgh‑chathair.


Agus chunnaic mi, nuair a dh'fhosgail an t‑Uan aon dhe na seachd seulachan; is chuala mi aon dhe na ceithir creutairean beòtha ag ràdh, mar le guth thàirneanach: “Thig”.


Agus thuirt iad ris na beanntan 's ris na creagan, “Tuitibh oirnn agus falaichibh sinn o aghaidh an Aoin a tha na shuidhe air an rìgh‑chathair, agus o fheirge an Uain.


Agus nuair a dh'fhosgail e an seachdamh seula, bha sàmhchair air nèamh airson mu leth uair a thìde.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan