Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 4:9 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

9 Agus nuair a bheir na creutairean beòtha glòir is urram is taing dhàsan a tha na shuidhe air an rìgh‑chathair, esan a tha beò gu saoghal nan saoghal,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

9 Agus nuair a thug na beò-chreutairean sin glòir, agus urram, agus buidheachas don Tì a bha na shuidhe air an rìgh-chathair, a tha beò gu saoghal nan saoghal,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

9 Agus nuair a thug na beò‐chreutairean sin glòir, agus urram, agus buidheachas don Tì a bha na shuidhe air an rìgh‐chathair, a tha beò gu saoghal nan saoghal,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

9 Agus nuair a thug na beothaichean sin gloir, us onair, agus beannachd dhasan a tha ʼna shuidhe air a chathair, a tha beo gu saoghal nan saoghal,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 4:9
20 Iomraidhean Croise  

Agus mar sin, tha esan comasach air iadsan a thig gu Dia troimhesan a shàbhaladh gu h‑iomlan, oir tha e beò gu sìorraidh airson guidhe air an son.


Air an aon làimh, is iad daoine bàsmhor a gheibh na deicheamhan; ach air an làimh eile gheibh esan iad dham bheil fianais air a thoirt gu bheil e fhathast beò.


agus esan a tha beò, is a bha marbh, agus seall, tha mi beò gu saoghal nan saoghal, agus tha iuchraichean a' bhàis is Ifrinn agam.


Agus thug e mionnan airsan a tha beò gu saoghal nan saoghal – a chruthaich nèamh 's na tha ann, agus an talamh 's na tha ann agus a' mhuir 's na tha innte – nach biodh dàil ann tuilleadh.


Agus thug aon dhe na ceithir creutairean beòtha dha na seachd ainglean, seachd bobhlaichean òir, a bha làn de dh'fheirge Dhè, a tha beò gu saoghal nan saoghal.


Agus thuirt esan a tha na shuidhe air an rìgh‑chathair, “Seall, tha mi ag ùrachadh a h‑uile sìon,” agus thuirt e, “Sgrìobh, oir tha na faclan seo dìleas agus fìor.”


Sa bhad, bha mi san Spiorad, agus seall, rìgh‑chathair air a suidheachadh air nèamh, agus neach na shuidhe air an rìgh‑chathair.


Agus bha sia sgiathan air gach fear dhe na creutairean beòtha, agus timcheall orra 's air an taobh a‑staigh bha iad làn shùilean, agus chan eil iad a' gabhail fois a latha 's a dh'oidhche, ag ràdh: “Naomh, naomh, naomh, An Tighearna Dia, an t‑Uile‑Chumhachdach, Esan a bha agus a tha agus a tha ri thighinn.”


Agus chunnaic mi ann an làimh dheis an fhir a bha na shuidhe air an rìgh‑chathair, rolla air a sgrìobhadh air an taobh a‑staigh 's air a chùlaibh, agus a bh' air a sheulachadh le seachd seulachan.


Agus thuirt iad ris na beanntan 's ris na creagan, “Tuitibh oirnn agus falaichibh sinn o aghaidh an Aoin a tha na shuidhe air an rìgh‑chathair, agus o fheirge an Uain.


Mar sin: “tha iad mu choinneamh rìgh‑chathrach Dhè agus a' dèanamh seirbheis dha a latha 's a dh'oidhche na theampall, agus sgaoilidh esan a tha na shuidhe air an rìgh‑chathair a phàillean thairis orra.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan