Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 4:8 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

8 Agus bha sia sgiathan air gach fear dhe na creutairean beòtha, agus timcheall orra 's air an taobh a‑staigh bha iad làn shùilean, agus chan eil iad a' gabhail fois a latha 's a dh'oidhche, ag ràdh: “Naomh, naomh, naomh, An Tighearna Dia, an t‑Uile‑Chumhachdach, Esan a bha agus a tha agus a tha ri thighinn.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

8 Agus aig na ceithir beò-chreutairean, aig gach aon dhiubh fa leth, bha sia sgiathan mun cuairt dha, agus bha iad làn de shùilean an taobh a‑staigh; agus cha do sguir iad a là no a dh’oidhche, ag ràdh, Naomh, naomh, naomh, an Tighearna Dia uile-chumhachdach, a bha, agus a tha, agus a bhitheas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

8 Agus aig na ceithir beò‐chreutairean, aig gach aon dhiubh fa leth, bha sia sgiathan mun cuairt dha, agus bha iad làn de shùilean an taobh a‑staigh; agus cha do sguir iad a là no a dh’oidhche, ag ràdh, Naomh, naomh, naomh, an Tighearna Dia uile‐chumhachdach, a bha, agus a tha, agus a bhitheas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

8 Agus aig gach aon de na ceithir beothaichean bha sia sgiathan: ach mun cuairt agus a stigh tha iad lan shul; agus a latha ʼsa dhʼ oidhche cha do lasaich iad, a g-radh: Naomh, naomh, naomh, an Tighearna Dia uile-chumhachdach, a bha, ʼsa tha, ʼsa tha ri tighinn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 4:8
42 Iomraidhean Croise  

Mar sin fanaibh faireil, a' cuimhneachadh nach do sguir mise a latha 's a dh'oidhche fad thrì bliadhna air gach aon agaibh earalachadh le deòir.


Agus “Bidh mise nam Athair dhuibh, agus bidh sibhse nur mic is nur nigheanan dhòmhsa, tha an Tighearna uile‑chumhachdach ag ràdh.”


Oir tha cuimhne agaibh, a bhràithrean, air ar saothair 's ar n‑obair chruaidh, ag obair a dh'oidhche 's a latha gus nach biodh sinn nar n‑uallach do dhuine agaibh, agus shearmonaich sinn dhuibh soisgeul Dhè.


Glèidh thu fhèin agus an teagasg, lean ort annta, oir ann a bhith a' dèanamh seo sàbhailidh tu an dà chuid thu fhèin agus iadsan a tha ag èisteachd riut.


searmonaich am facal, bi deiseil nuair a tha e goireasach 's nuair nach eil e goireasach, thoir am follais, cronaich, misnich, leis a h‑uile fhad‑fhulangas is theagasg.


Tha Ìosa Crìosd ceudna an dè, agus an‑diugh agus gu sìorraidh.


Eòin, Gu na seachd eaglaisean ann an Àisia: Gràs dhuibh agus sìth uaithesan a tha agus a bha agus a tha a' tighinn agus o na seachd spioradan a tha mu choinneamh a rìgh‑chathrach‑san.


“Is mise an t‑Alpha agus an t‑Omega,” tha an Tighearna Dia ag ràdh, “a tha agus a bha agus a tha a' tighinn, an t‑Uile‑Chumhachdach.”


ag ràdh: “Tha sinn a' toirt taing dhutsa a Thighearna Dhia, an t‑Uile‑Chumhachdach, a tha agus a bha, oir tha thusa air do chumhachd mòr a ghabhail agus air riaghladh.


Agus thèid toit an cràidh‑san suas gu saoghal nan saoghal, agus cha bhi fois aca, a latha no a dh'oidhche, iadsan a tha a' toirt adhraidh dhan bhèist agus dha ìomhaigh‑se agus neach sam bith a gheibh comharra a h‑ainm‑se.”


Is iad a' seinn òran ùr mu choinneamh rìgh‑chathrach Dhè agus mu choinneamh nan ceithir creutairean beòtha agus nan èildeir, agus cha robh neach sam bith comasach air an t‑òran ionnsachadh ach a‑mhàin an ceud, ceathrad 's a ceithir mìle, iadsan a chaidh a cheannach on talamh.


Agus tha iad a' seinn òran Mhaois, seirbheiseach Dhè, agus òran an Uain, ag ràdh: “Mòr is iongantach tha d' obraichean a Thighearna Dhè, an t‑Uile‑Chumhachdach. Tha thu fìreanta is ceart nad shlighean, Rìgh nan nàisean.


Agus thug aon dhe na ceithir creutairean beòtha dha na seachd ainglean, seachd bobhlaichean òir, a bha làn de dh'fheirge Dhè, a tha beò gu saoghal nan saoghal.


Oir b' iad sin spioradan dheamhan, a' dèanamh chomharraidhean, a tha a' dol a‑mach gu rìghrean na talmhainn gu lèir airson an cruinneachadh gu cath latha mòr an Dè Uile‑Chumhachdaich.


Agus chuala mi neach on altair ag ràdh: “Seadh, a Thighearna Dhè, an t‑Uile‑Chumhachdach, fìor is fìreanta tha do bhreitheanasan.”


Agus às a bheul chaidh claidheamh geur a‑mach, airson 's gum buaileadh e na nàiseanan, agus nì e am buachailleachd le slat iarainn, agus tha e a' stampadh amar‑fìona corraich fearg Dhè, an t‑Uile‑Chumhachdach.


Agus thuit na fichead 's a ceithir èildear sìos agus na ceithir creutairean beòtha is rinn iad adhradh do Dhia a tha na shuidhe air an rìgh‑chathair, ag ràdh: “Amen, haleluia!”


Agus chan fhaca mi teampall ann, oir is e an Tighearna Dia, an t‑Uile‑Chumhachdach, agus an t‑Uan, a tha na theampall ann.


“Agus gu aingeal na h‑eaglaise ann am Philadelphia, sgrìobh: Seo na rudan a tha esan ag ràdh, an Aon Naomh, an Aon Fìor, an Aon aig a bheil iuchair Dhaibhidh, an Aon a tha a' fosgladh 's nach dùin neach sam bith, agus a dhùineas is nach fosgail neach sam bith:


Agus timcheall air an rìgh‑chathair bha fichead 's a ceithir rìgh‑chathraichean, agus air na cathraichean fichead 's a ceithir èildear nan suidhe, air an èideadh ann an aodaichean geala agus crùintean òir air an cinn.


Agus mu choinneamh na rìgh‑chathrach, bha, mar gum biodh, muir ghlainne, mar chriostal. Agus ann am meadhan na rìgh‑chathrach, agus mu chuairt na rìgh‑chathrach bha ceithir creutairean beòtha, làn shùilean – air am beulaibh 's air an cùlaibh.


Agus nuair a bheir na creutairean beòtha glòir is urram is taing dhàsan a tha na shuidhe air an rìgh‑chathair, esan a tha beò gu saoghal nan saoghal,


Agus chunnaic mi eadar an rìgh‑chathair agus na ceithir creutairean beòtha, agus ann am measg nan èildearan, Uan mar gum biodh e air a mharbhadh, air an robh seachd adhaircean agus seachd sùilean; is iadsan seachd spioradan Dhè, a th' air an cur dhan t‑saoghal gu lèir.


Agus chunnaic mi, nuair a dh'fhosgail an t‑Uan aon dhe na seachd seulachan; is chuala mi aon dhe na ceithir creutairean beòtha ag ràdh, mar le guth thàirneanach: “Thig”.


Agus chuala mi, mar gum biodh, guth am measg nan ceithir creutairean beòtha, ag ràdh, “Tomhas cruithneachd airson denarius agus trì tomhasan eòrna airson denarius, agus na dèan milleadh air an ola no air an fhìon.”


Agus sheas na h‑ainglean gu lèir timcheall air an rìgh‑chathair, agus na h‑èildearan agus na ceithir creutairean beòtha agus thuit iad air an aghaidhean mu choinneamh na rìgh‑chathrach agus rinn iad adhradh do Dhia,


Mar sin: “tha iad mu choinneamh rìgh‑chathrach Dhè agus a' dèanamh seirbheis dha a latha 's a dh'oidhche na theampall, agus sgaoilidh esan a tha na shuidhe air an rìgh‑chathair a phàillean thairis orra.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan