Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 4:7 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

7 Agus bha a' chiad chreutair beò mar leòmhann, agus an dara creutair beò mar laogh, agus bha aghaidh mar dhuine air an treas creutair beò, agus bha an ceathramh creutair beò mar iolair air sgèith.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

7 Agus bha an ciad bheò-chreutair cosmhail ri leòmhann, agus an dara beò-chreutair cosmhail ri laogh, agus bha aig an treas beò-chreutair aghaidh mar dhuine, agus bha an ceathramh beò-chreutair cosmhail ri iolair ag itealaich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

7 Agus bha an ciad bheò‐chreutair cosmhail ri leòmhann, agus an dara beò‐chreutair cosmhail ri laogh, agus bha aig an treas beò‐chreutair aghaidh mar dhuine, agus bha an ceathramh beò‐chreutair cosmhail ri iolair ag itealaich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

7 Agus bha chiad bheothach coltach ri leomhan, ʼs an ath bheothach coltach ri laogh, ʼs aig an treas beothach bha ʼaodann mar aodann duine, ʼs bha an ceathramh beothach coltach ri iolair air iteig.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 4:7
20 Iomraidhean Croise  

A bhràithrean, na bithibh nur leanabanan nur smaoineachadh; a dh'aindeoin sin bithibh nur leanabanan ann am mì‑rùn, ach ann an tuigse bithibh nur n‑inbhich.


Agus mu choinneamh na rìgh‑chathrach, bha, mar gum biodh, muir ghlainne, mar chriostal. Agus ann am meadhan na rìgh‑chathrach, agus mu chuairt na rìgh‑chathrach bha ceithir creutairean beòtha, làn shùilean – air am beulaibh 's air an cùlaibh.


Agus nuair a dh'fhosgail e an dara seula, chuala mi guth an dara creutair beò ag ràdh, “Thig”.


Agus nuair a dh'fhosgail e an treas seula, chuala mi an treas creutair beò ag ràdh, “Thig.” Agus chunnaic mi, agus seall, each dubh agus bha meidh aig an neach a bha na shuidhe air, na làimh.


Agus nuair a dh'fhosgail e an ceathramh seula, chuala mi guth a' cheathramh creutair beò ag ràdh, “Thig.”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan