Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 4:5 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

5 Agus a‑mach às an rìgh‑chathair thàinig dealanaich is fuaimean is tàirneanaich. Agus bha seachd lampaichean teine a' losgadh mu choinneamh na rìgh‑chathrach; is iadsan seachd spioradan Dhè.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

5 Agus chaidh a‑mach as an rìgh-chathair dealanaich, agus tàirneanaich, agus guthannan: agus bha seachd lòchrain theine a’ dearg-lasadh am fianais na rìgh-chathrach, as iad seachd spioradan Dhè.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

5 Agus chaidh a‑mach as an rìgh‐chathair dealanaich, agus tàirneanaich, agus guthannan: agus bha seachd lòchrain theine a’ dearg‐lasadh am fianais na rìgh‐chathrach, as iad seachd spioradan Dhè.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

5 Agus bho ʼn chathair chaidh a mach dealanaich, agus guthan, agus tairneanaich; agus bha seachd lochrain laiste air bialaobh na cathrach, ʼsiad sin seachd spioraid Dhe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 4:5
24 Iomraidhean Croise  

“An uair sin bidh rìoghachd nèimh coltach ri deichnear òighean a thug an lampaichean leotha agus a chaidh a‑mach a choinneachadh fear na bainnse.


“Tha mise gur baisteadh le uisge airson aithreachais, ach tha esan a tha a' tighinn às mo dhèidh nas cumhachdaiche na mise, agus chan airidh mise air a chuarain a ghiùlain. Baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh agus le teine.


Agus nochd teangannan sgoilte mar theine riutha agus shìn e air gach aon dhiubh.


Eòin, Gu na seachd eaglaisean ann an Àisia: Gràs dhuibh agus sìth uaithesan a tha agus a bha agus a tha a' tighinn agus o na seachd spioradan a tha mu choinneamh a rìgh‑chathrach‑san.


Agus dh'èigh e le guth àrd mar a bheucas leòmhann agus nuair a dh'èigh e, bhruidhinn na seachd tàirneanaich le an guthan.


Agus bha teampall Dhè air fhosgladh air nèamh agus bha àirc a choicheangail‑san air a faicinn na theampall, agus bha boillsgidhean dhealanach ann is fuaimean is tàirneanaich is crith‑thalmhainn is clachan‑meallain mòra.


“Agus gu aingeal na h‑eaglaise ann an Sardis, sgrìobh: Seo na rudan a tha esan aig a bheil seachd spioradan Dhè agus na seachd rionnagan ag ràdh, Tha fios agam air d' obraichean, gu bheil ainm agad gu bheil thu beò, ach tha thu marbh!


Agus chunnaic mi eadar an rìgh‑chathair agus na ceithir creutairean beòtha, agus ann am measg nan èildearan, Uan mar gum biodh e air a mharbhadh, air an robh seachd adhaircean agus seachd sùilean; is iadsan seachd spioradan Dhè, a th' air an cur dhan t‑saoghal gu lèir.


Agus às dèidh dhan aingeal an tùisear a ghabhail agus a lìonadh le teine on altair, thilg e chun na talmhainn e, agus bha tàirneanaich is fuaimean is boillsgidhean dhealanach is crith‑thalmhainn ann.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan