Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 4:4 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

4 Agus timcheall air an rìgh‑chathair bha fichead 's a ceithir rìgh‑chathraichean, agus air na cathraichean fichead 's a ceithir èildear nan suidhe, air an èideadh ann an aodaichean geala agus crùintean òir air an cinn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

4 Agus timcheall na rìgh-chathrach mun cuairt bha ceithir-cathraichean-fichead; agus air na cathraichean chunnaic mi ceithir-seanairean-fichead nan suidhe, air an sgeadachadh ann an culaidhean geala; agus bha aca air an cinn crùin òir.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

4 Agus timcheall na rìgh‐chathrach mun cuairt bha ceithir‐cathraichean‐fichead; agus air na cathraichean chunnaic mi ceithir‐seanairean‐fichead nan suidhe, air an sgeadachadh ann an culaidhean geala; agus bha aca air an cinn crùin òir.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

4 ʼS mun cuairt do ʼn chathair bha ceithir-thar-fhichead shuidheachan; agus air na suidheachain ceithir-thar-fhichead sheanairean ʼnan suidhe, sgeadaichte an culaidhean geala, ʼs air an cinn cruintean òir.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 4:4
24 Iomraidhean Croise  

Thuirt Ìosa riutha, “Gu deimhinn, tha mi ag ràdh ribh, sibhse a lean mise, anns an linn nuadh, nuair a shuidheas Mac an Duine air a chathair ghlòrmhor fhèin, suidhidh sibhse cuideachd air dà chathair dheug, a' toirt breith air dà threubh dheug Israeil.


airson gun ith agus gun òl sibh aig mo bhòrd‑sa nam rìoghachd, agus gun suidh sibh air cathraichean rìoghail, a' toirt breith air dà threubh dheug Israeil.


Mu dheireadh tha crùn fìreantachd air a thasgadh suas dhomh, a bheir an Tighearna, am breitheamh fìreanta, dhomh san latha sin agus chan ann a‑mhàin dhòmhsa ach cuideachd dhaibhsan uile a ghràdhaich a thighinn‑san.


Agus thuit na fichead 's a ceithir èildear a tha nan suidhe mu choinneamh Dhè – air na rìgh‑chathraichean aca – air an aghaidhean is rinn iad adhradh do Dhia,


Is iad a' seinn òran ùr mu choinneamh rìgh‑chathrach Dhè agus mu choinneamh nan ceithir creutairean beòtha agus nan èildeir, agus cha robh neach sam bith comasach air an t‑òran ionnsachadh ach a‑mhàin an ceud, ceathrad 's a ceithir mìle, iadsan a chaidh a cheannach on talamh.


Agus bha na h‑airmailtean air nèamh ga leantainn air eich gheala, 's iad air an èideadh ann an anart mìn, geal is fìorghlan.


Agus thuit na fichead 's a ceithir èildear sìos agus na ceithir creutairean beòtha is rinn iad adhradh do Dhia a tha na shuidhe air an rìgh‑chathair, ag ràdh: “Amen, haleluia!”


Na biodh eagal idir ort o na tha thu dol a dh'fhulang. Seall! Tha Sàtan gus cuid agaibh a thilgeil dhan phrìosan gus an tèid ur dearbhadh, agus bidh trioblaid agaibh airson deich latha. Bi dìleas gu bàs, agus bheir mi crùn na beatha dhut.


Agus chunnaic mi rìgh‑chathraichean agus shuidh iad orra agus chaidh breitheanas a thoirt dhaibh, agus chunnaic mi anman na feadhna on deach an cinn a thoirt airson teisteanas Ìosa agus air sgàth facal Dhè, agus iadsan nach do rinn adhradh dhan bhèist no dhan ìomhaigh aice agus nach d' fhuair an comharra air clàr am bathais 's air an làmhan, agus thàinig iad beò is rìoghaich iad còmhla ri Crìosd airson mìle bliadhna.


Tha mi gad chomhairleachadh gun ceannaich thu uam: òr a th' air a ghlanadh le teine gus am bi thu beairteach, agus badan aodaich gheala gus am bi thu air d' èideadh, agus nach bi nàire do lomnochd ri faicinn, agus ung do shùilean le acfhainn‑shùil gus am faic thu.


tuitidh na fichead 's a ceithir èildear mu choinneamh‑san a tha na shuidhe air an rìgh‑chathair agus nì iad adhradh dhàsan a tha beò gu saoghal nan saoghal, agus tilgidh iad an crùintean mu choinneamh na rìgh‑chathrach, ag ràdh:


Agus mu choinneamh na rìgh‑chathrach, bha, mar gum biodh, muir ghlainne, mar chriostal. Agus ann am meadhan na rìgh‑chathrach, agus mu chuairt na rìgh‑chathrach bha ceithir creutairean beòtha, làn shùilean – air am beulaibh 's air an cùlaibh.


Agus chunnaic mi agus chuala mi an guth aig mòran ainglean timcheall air an rìgh‑chathrach, agus aig na creutairean beòtha agus aig na h‑èildearan, agus b' e an àireamh aca, deich mìle uair deich mìle, agus mìltean de mhìltean,


Agus bha na ceithir creutairean beòtha ag ràdh, “Amen”, agus thuit na h‑èildearan sìos agus rinn iad adhradh.


Agus chunnaic mi eadar an rìgh‑chathair agus na ceithir creutairean beòtha, agus ann am measg nan èildearan, Uan mar gum biodh e air a mharbhadh, air an robh seachd adhaircean agus seachd sùilean; is iadsan seachd spioradan Dhè, a th' air an cur dhan t‑saoghal gu lèir.


Agus nuair a thug e uaithe an rolla, thuit na ceithir creutairean beòtha agus na fichead 's a ceithir èildear mu choinneamh an Uain; agus bha clàrsach agus bobhlaichean òir, a bha làn tùise, aig gach fear dhiubh; is e sin ùrnaighean nan naomh.


Agus chaidh culaidhean geala a thoirt do gach neach dhiubh agus chaidh a chantainn riutha fois a ghabhail airson ùine bhig fhathast, gus an deigheadh àireamh an co‑sheirbheisich 's am bràithrean cuideachd a choileanadh, iadsan a bha gus a bhith air am marbhadh mar a bha iad fhèin.


Agus sheas na h‑ainglean gu lèir timcheall air an rìgh‑chathair, agus na h‑èildearan agus na ceithir creutairean beòtha agus thuit iad air an aghaidhean mu choinneamh na rìgh‑chathrach agus rinn iad adhradh do Dhia,


Às dèidh nan rudan sin chunnaic mi; agus seall, co‑chruinneachadh mòr, nach b' urrainn do dhuine sam bith àireamh, o gach nàisean is treubh is cinneadh is teanga, a' seasamh mu choinneamh na rìgh‑chathrach agus mu choinneamh an Uain, air an èideadh ann an culaidhean geala agus slatan pailme aca nan làmhan,


Agus bha dreach nan lòcast coltach ri eich a bh' air an ullachadh airson cogaidh, agus air an cinn crùintean mar gum biodh de dh'òr agus bha an aghaidhean mar aghaidhean dhaoine.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan