Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 4:1 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

1 Às dèidh nan rudan seo chunnaic mi, agus seall, doras fosgailte air nèamh, agus bha a' chiad ghuth a chuala mi mar thrombaid a' bruidhinn rium, ag ràdh, “Thig suas an seo, agus seallaidh mi dhut na dh'fheumas tachairt às dèidh nan rudan sin.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 An dèidh seo dh’amhairc mi, agus, feuch, bha doras fosgailte air nèamh; agus bha an ciad ghuth a chuala mi, mar fhuaim trompaid a’ labhairt rium, ag ràdh, Thig a‑nìos an seo, agus nochdaidh mise dhut nithean as èiginn tachairt an dèidh seo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

1 An dèidh seo dh’amhairc mi, agus, feuch, bha doras fosgailte air nèamh; agus bha an ciad ghuth a chuala mi, mar fhuaim trompaid a’ labhairt rium, ag ràdh, Thig a‑nìos an seo, agus nochdaidh mise dhut nithean as èiginn tachairt an dèidh seo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

1 An deigh nan nichean so sheall mi: agus fiach dorus fosgailt am flathanas, agus thuirt a chiad ghuth, a chuala mi mar de thrombaid a labhairt rium, a g-radh: Thig suas an so, us fiachaidh mi dhut na nichean a dhʼ fheumas tachairt an deigh so.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 4:1
21 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a chaidh Ìosa a bhaisteadh, sa bhad chaidh e suas às an uisge, agus seall, chaidh na nèamhan fhosgladh dha, agus chunnaic e Spiorad Dhè a' tighinn sìos mar chalman agus a' tighinn air.


Nuair a bha e a' tighinn a‑nìos às an uisge, chunnaic e na nèamhan gan reubadh fosgailte agus an Spiorad a' tighinn a‑nuas air mar chalman.


A‑nis, nuair a bha an sluagh gu lèir air am baisteadh, agus Ìosa cuideachd air a bhaisteadh, agus e ag ùrnaigh, chaidh nèamh fhosgladh,


Ach nuair a thig esan, Spiorad na Fìrinn, treòraichidh e sibh a‑steach dha gach fìrinn. Oir cha bhruidhinn e uaithe fhèin; ach ge b' e dè a chluinneas e, canaidh e, agus cuiridh e an cèill dhuibhse na tha ri thighinn.


is chunnaic e na nèamhan air am fosgladh agus rudeigin coltach ri siota mòr a' tighinn a‑nuas thuige, air a leigeil sìos le a cheithir oiseanan air an talamh.


Agus thuirt e, “Seallaibh, tha mi a' faicinn nan nèamhan fosgailte agus Mac an Duine na sheasamh aig deas‑làimh Dhè.”


Bha mi anns an Spiorad air latha an Tighearna, agus chuala mi guth àrd air mo chùlaibh mar thrombaid,


Agus thionndaidh mi gus am faicinn dè an guth a bhruidhinn rium, agus nuair a thionndaidh mi chunnaic mi seachd lampairean òir.


“Mar sin, sgrìobh na chunnaic thu, agus na rudan a tha ann, agus a tha a' dol a thachairt nan dèidh‑san.


Agus chuala iad guth àrd o nèamh ag ràdh riutha, “Thigibh a‑nìos.” Agus chaidh iad suas a nèamh ann an sgòth, agus chunnaic an nàimhdean iad.


Agus bha teampall Dhè air fhosgladh air nèamh agus bha àirc a choicheangail‑san air a faicinn na theampall, agus bha boillsgidhean dhealanach ann is fuaimean is tàirneanaich is crith‑thalmhainn is clachan‑meallain mòra.


Agus dhòirt an seachdamh fear a‑mach am bobhla aige dhan adhar, agus thàinig guth àrd a‑mach às an teampall, on rìgh‑chathair, ag ràdh, “Tha e dèante.”


Agus chunnaic mi nèamh air fhosgladh, agus seall, each geal agus b' e Dìleas is Fìor an t‑ainm a bh' airsan a bha na shuidhe air, agus ann am fìreantachd tha e a' toirt breith 's a' cogadh.


Agus thuirt e rium, “Tha na faclan seo dìleas is fìor, agus chuir an Tighearna, Dia spioradan nam fàidhean, an t‑aingeal aige a shealltainn dha sheirbheisich na dh'fheumas tachairt a dh'aithghearr.”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan