Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 3:9 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

9 Seall, bheir mise orrasan a tha de shionagog Shàtain (a tha ag ràdh gu bheil iad nan Iùdhaich, ach nach eil, ach a tha ag innse breug), seall, bheir mise orra tighinn agus an glùinean a lùbadh aig do chasan, gus am bi fios aca gun do ghràdhaich mise thu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

9 Feuch, bheir mise orrasan de shionagog Shàtain (a tha ag ràdh gur Iùdhaich iad fhèin, agus nach eadh, ach a tha a’ dèanamh brèige), feuch, bheir mise orra gun tig iad agus gun dèan iad adhradh aig do chasan, agus gum bi fhios aca gun do ghràdhaich mise thu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

9 Feuch, bheir mise orrasan de shionagog Shàtain (a tha ag ràdh gur Iùdhaich iad fhèin, agus nach eadh, ach a tha a’ dèanamh brèige), feuch, bheir mise orra gun tig iad agus gun dèan iad adhradh aig do chasan, agus gum bi fhios aca gun do ghràdhaich mise thu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

9 Seall, bheir mise h-ugad de shinagog shatain, a tha g-radh gur Iudhaich iad, ʼs nach eadh, ach a tha briagach: faic, bheir mi orra tighinn, agus aoradh a dhianamh aig do chasan; agus aithnichidh iad gun tug mise gaol dhut.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 3:9
13 Iomraidhean Croise  

Mise anntasan, agus thusa annamsa, airson 's gun tigeadh iad gus a bhith nan aon gu coileanta, airson 's gun urrainn fios a bhith aig an t‑saoghal gun do chuir thusa a‑mach mi agus gun do ghràdhaich thu iadsan mar a ghràdhaich thu mise.


'S aithne dhomh do thrioblaidean agus do bhochdainn (ach tha thu beairteach) agus an toibheum uapasan a tha ag ràdh gur e Iùdhaich a th' annta fhèin, agus nach e, ach sionagog Shàtain.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan