Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 3:8 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

8 'S aithne dhomh d' obraichean. Seall! Tha mi air doras fosgailte a chur mud choinneamh, nach urrainn do neach sam bith a dhùnadh, oir tha beagan cumhachd agad, agus ghlèidh thu m' fhacal agus cha do dh'àich thu m' ainm.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

8 Is aithne dhomh d’obraichean: feuch, chuir mi doras fosgailte romhad, agus chan urrainn neach air bith a dhùnadh: oir tha neart beag agad, agus ghlèidh thu m’fhacal, agus cha d’àich thu m’ainm.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

8 Is aithne dhomh d’obraichean: feuch, chuir mi doras fosgailte romhad, agus chan urrainn neach air bith a dhùnadh: oir tha neart beag agad, agus ghlèidh thu m’fhacal, agus cha d’àich thu m’ainm.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

8 Is aithne dhomh tʼ oibrichean. Faic, thug mi dorus fosgailte dhut romhad, nach urrainn do dhuine air bith a dhunadh: a chionn tha beagan neart agad, us ghleidh thu mʼ fhacal, ʼs cha dʼ aicheadh thu mʼ ainm.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 3:8
25 Iomraidhean Croise  

Ach ge b' e neach a dh'àicheas mise mu choinneamh dhaoine, thèid esan àicheadh mu choinneamh ainglean Dhè.


Cuimhnichibh am facal a thuirt mi ribh: ‘Chan eil seirbheiseach nas motha na a mhaighstir.’ Ma rinn iad geur‑leanmhainn ormsa, nì iad geur‑leanmhainn oirbhse cuideachd. Ma chùm iad m' fhacal‑sa, cumaidh iad ur facal‑se cuideachd.


“Dh'fhoillsich mise d' ainm dha na daoine a thug thu dhomh a‑mach às an t‑saoghal. B' ann leatsa a bha iad agus thug thu dhòmhsa iad agus chùm iad d' fhacal.


Agus nuair a ràinig iad is a chruinnich iad an eaglais còmhla, dh'aithris iad a h‑uile sìon a bha Dia air a dhèanamh leotha, agus mar a bha e air doras creideimh fhosgladh dha na Cinnich.


oir chaidh doras mòr agus èifeachdach fhosgladh dhomh, agus tha tòrr nàimhdean ann.


A‑nis nuair a thàinig mi gu Tròas airson soisgeul Chrìosd 's a chaidh doras fhosgladh dhomh san Tighearna,


Is urrainn dhomh a h‑uile sìon a dhèanamh troimheasan a tha gam neartachadh.


ag ùrnaigh aig an aon àm air ar son‑ne cuideachd gum fosgladh Dia doras dhuinn airson an fhacail, gus an cuir sinn an cèill dìomhaireachd Chrìosd, dham bheil mise air mo phrìosanachadh,


ach ma tha duine sam bith ann nach eil a' solarachadh airson a chàirdean agus gu sònraichte airson a theaghlaich fhèin, tha e air a' chreideamh àicheadh agus rud nas miosa, tha e na eas‑creidmheach.


Chath mise an deagh chath, chrìochnaich mi an cùrsa, ghlèidh mi an creideamh.


Oir tha daoine àraidh air èaladh a‑steach, a bha roimhe air an comharrachadh airson a' bhreitheanais seo, daoine ain‑diadhaidh, a tha a' tionndadh gràs Dhè gu feòlmhorachd, agus ag àicheadh ar n‑aon Mhaighstir is Tighearna, Ìosa Crìosd.


Tha fios agam càit a bheil thu a' fuireach, far a bheil rìgh‑chathair Shàtain, agus tha thu a' cumail grèim daingeann air m' ainm, agus cha do dh'àich thu mo chreideamh, eadhon ann an làithean Antipais m' fhianais dhìleas, a chaidh a mharbhadh nur measg, far a bheil Sàtan a' fuireach.


'S aithne dhomh d' obraichean agus do shaothair is do leanaltas, agus nach urrainn dhut giùlain le luchd‑uilc, agus gun do dhearbh thu iadsan a tha ag ràdh gu bheil iad nan abstoil 's nach eil, agus fhuair thu breugach iad.


Agus seall, tha mi a' tighinn gu luath, “Is beannaichte an neach a ghleidheas faclan fàidheadaireachd an leabhair seo.”


“Agus gu aingeal na h‑eaglaise ann an Sardis, sgrìobh: Seo na rudan a tha esan aig a bheil seachd spioradan Dhè agus na seachd rionnagan ag ràdh, Tha fios agam air d' obraichean, gu bheil ainm agad gu bheil thu beò, ach tha thu marbh!


Oir ghlèidh thu facal mo leanaltais, agus gleidhidh mise thusa o uair na deuchainn a tha gus a thighinn air an t‑saoghal gu lèir airson an fheadhainn a tha a' còmhnaidh air an talamh a dhearbhadh.


Tha fios agam air d' obraichean, nach eil thu fuar no teth. B' fheàrr gun robh thu fuar no teth.


“Agus gu aingeal na h‑eaglaise ann am Philadelphia, sgrìobh: Seo na rudan a tha esan ag ràdh, an Aon Naomh, an Aon Fìor, an Aon aig a bheil iuchair Dhaibhidh, an Aon a tha a' fosgladh 's nach dùin neach sam bith, agus a dhùineas is nach fosgail neach sam bith:


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan