Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 3:7 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

7 “Agus gu aingeal na h‑eaglaise ann am Philadelphia, sgrìobh: Seo na rudan a tha esan ag ràdh, an Aon Naomh, an Aon Fìor, an Aon aig a bheil iuchair Dhaibhidh, an Aon a tha a' fosgladh 's nach dùin neach sam bith, agus a dhùineas is nach fosgail neach sam bith:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

7 Agus a‑chum aingeal na h‑eaglais ann am Philadelphia, sgrìobh: Na nithean seo tha an Tì naomh ag ràdh, an Tì fìor, an Tì aig a bheil iuchair Dhaibhidh, an Tì a dh’fhosglas, agus cha dùin neach air bith; agus a dhùineas, agus chan fhosgail neach air bith:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

7 Agus a‑chum aingeal na h‑eaglais ann am Philadelphia, sgrìobh: Na nithean seo tha an Tì naomh ag ràdh, an Tì fìor, an Tì aig a bheil iuchair Dhaibhidh, an Tì a dh’fhosglas, agus cha dùin neach air bith; agus a dhùineas, agus chan fhosgail neach air bith:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

7 Agus gu aingeal eaglais Philadelphia sgriobh: ʼSiad so tha esan a g-radh, a tha Naomh agus Fior, aig a bheil iuchair Dhài: a dhʼ fhosglas gun duine a dhuineas: a dhuineas gun duine a dhʼ fhosglas:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 3:7
38 Iomraidhean Croise  

Bheir mi dhut iuchraichean rìoghachd nèimh; agus ge b' e dè a cheanglas tusa air thalamh, bidh e ceangailte air nèamh, agus ge b' e dè a dh'fhuasglas tusa air thalamh, bidh e fuasgailte air nèamh.”


Thèid nèamh agus talamh seachad, ach cha tèid mo bhriathran‑sa seachad idir.


ag ràdh, “Dè do ghnothach‑sa rinne, Ìosa o Nàsaret? An tàinig thu gar sgrios? Is aithne dhòmhsa cò thu – Aon Naomh Dhè.”


Bidh e mòr, agus thèid Mac an Aoin as Àirde a ghabhail air; agus bheir an Tighearna Dia rìgh‑chathair athar, Daibhidh, dha.


“À! Dè do ghnothach‑sa rinne, Ìosa o Nàsaret? An tàinig thu gar sgrios? Is aithne dhòmhsa cò thu – Aon Naomh Dhè.”


Thuirt Ìosa ris, “Is mise an t‑slighe, agus an fhìrinn, agus a' bheatha. Cha tig neach sam bith chun an Athar ach tromhamsa.


Ach dh'àich sibhse an t‑Aon Naomh agus Fìreanta, agus dh'iarr sibh gum biodh murtair air a shaoradh dhuibh,


Agus tha fios againn gun tàinig Mac Dhè agus gun tug e dhuinne tuigse airson 's gum bi eòlas againn airsan a tha fìor, agus tha sinne annsan a tha fìor, na Mhac, Ìosa Crìosd. Is esan an Dia fìor agus a' bheatha shìorraidh.


ag ràdh, “Na chì thu, sgrìobh ann an rolla, agus cuir gu na seachd eaglaisean e, gu Ephesus agus gu Smirna agus gu Pergamos agus gu Tiatìra agus gu Sardis agus gu Philadelphia agus gu Laodicèa.”


agus esan a tha beò, is a bha marbh, agus seall, tha mi beò gu saoghal nan saoghal, agus tha iuchraichean a' bhàis is Ifrinn agam.


Agus o Ìosa Crìosd, an fhianais dìleas, an ciad‑ghin o na mairbh, agus riaghladair rìghrean na talmhainn. Dhàsan a tha gar gràdhachadh agus a shaor sinn o ar peacaidhean le fhuil fhèin,


Agus tha iad a' seinn òran Mhaois, seirbheiseach Dhè, agus òran an Uain, ag ràdh: “Mòr is iongantach tha d' obraichean a Thighearna Dhè, an t‑Uile‑Chumhachdach. Tha thu fìreanta is ceart nad shlighean, Rìgh nan nàisean.


Agus chuala mi neach on altair ag ràdh: “Seadh, a Thighearna Dhè, an t‑Uile‑Chumhachdach, fìor is fìreanta tha do bhreitheanasan.”


Agus chunnaic mi nèamh air fhosgladh, agus seall, each geal agus b' e Dìleas is Fìor an t‑ainm a bh' airsan a bha na shuidhe air, agus ann am fìreantachd tha e a' toirt breith 's a' cogadh.


Oir tha a bhreitheanais fìor agus fìreanta, oir thug e breith air an strìopaich mhòir a thruaill an talamh le a strìopachas. Agus rinn e dìoghaltas oirre airson fuil a sheirbheiseach fo a làimh‑se.”


“Gu aingeal na h‑eaglaise ann an Ephesus, sgrìobh: Seo na rudan a tha esan a tha a' cumail nan seachd rionnagan na làimh dheis ag ràdh, esan a tha a' coiseachd am measg nan seachd lampairean òir:


Agus thuirt esan a tha na shuidhe air an rìgh‑chathair, “Seall, tha mi ag ùrachadh a h‑uile sìon,” agus thuirt e, “Sgrìobh, oir tha na faclan seo dìleas agus fìor.”


“Agus gu aingeal na h‑eaglaise ann an Laodicèa, sgrìobh: Seo na rudan a tha an t‑Amen, an fhianais dhìleas agus fhìor, toiseach cruthachaidh Dhè, ag ràdh,


Agus bha sia sgiathan air gach fear dhe na creutairean beòtha, agus timcheall orra 's air an taobh a‑staigh bha iad làn shùilean, agus chan eil iad a' gabhail fois a latha 's a dh'oidhche, ag ràdh: “Naomh, naomh, naomh, An Tighearna Dia, an t‑Uile‑Chumhachdach, Esan a bha agus a tha agus a tha ri thighinn.”


Agus sheinn iad òran ùr, ag ràdh: “Is airidh thusa air an rolla a ghabhail agus air a sheulachan fhosgladh, oir chaidh do mharbhadh agus cheannaich thu daoine do Dhia led fhuil, às gach treubh is teanga is sluagh is nàisean.


Agus ghlaodh iad le guth àrd ag ràdh, “Dè cho fada, a Mhaighstir naoimh is fhìor, gus an toir thu breith agus gus an dèan thu dìoghaltas airson ar fala, orrasan a tha a' còmhnaidh air an talamh?”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan