Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 3:5 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

5 An neach a bhuadhaicheas, bidh e air a sgeadachadh mar sin ann an aodach geal, agus cha dhubh mi idir ainm‑san a‑mach à rolla na beatha agus aidichidh mi ainm‑san mu choinneamh m' Athar agus mu choinneamh nan ainglean aige.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

5 An tì a bheir buaidh, sgeadaichear e ann an aodach geal; agus cha dubh mi a‑mach a ainm à leabhar na beatha, ach aidichidh mi a ainm-san am fianais m’Athar, agus am fianais a ainglean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

5 An tì a bheir buaidh, sgeadaichear e ann an aodach geal; agus cha dubh mi a‑mach a ainm à leabhar na beatha, ach aidichidh mi a ainm‐san am fianais m’Athar, agus am fianais a ainglean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

5 An neach a bheir buaidh, theid eideadh mar so ann an trusgan geal, ʼs cha dhubh mi ainm á leabhar na beatha, us aidichidh mi ʼainm an lathair mʼ Athar, agus an lathair ʼainglean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 3:5
23 Iomraidhean Croise  

“Mar sin ge b' e a dh'aidicheas mise mu choinneamh dhaoine, aidichidh mise esan cuideachd mu choinneamh m' Athar a th' air nèamh.


A dh'aindeoin sin, na dèanaibh gàirdeachas a chionn 's gu bheil na spioradan fo ur smachd, ach dèanaibh gàirdeachas a chionn 's gu bheil ur n‑ainmean sgrìobhte ann an nèamh.”


“Agus tha mise ag innse dhuibh, a h‑uile neach a dh'aidicheas mise mu choinneamh dhaoine, aidichidh Mac an Duine esan cuideachd an làthair ainglean Dhè.


Seadh, tha mi ag iarraidh ortsa cuideachd, a chompanaich dhìleis, na boireannaich seo a rinn saothair còmhla riumsa san t‑soisgeul a chuideachadh, cuide ri Clemens 's an còrr dhem cho‑luchd‑obrach, aig a bheil an ainmean ann an leabhar na beatha.


A‑nis dhàsan – a tha comasach air ur gleidheadh o thuisleadh, 's air ur nochdadh neo‑choireach fa chomhair a ghlòir, ann am mòr aoibhneas,


Agus nì a h‑uile neach a tha a' còmhnaidh air an talamh adhradh dhi, iadsan aig nach eil an ainmean sgrìobhte ann an leabhar‑beatha an Uain, a chaidh a mharbhadh o thoiseach an t‑saoghail.


A' bhiast a chunnaic thu, bha i ann 's chan eil i ann, agus tha i gus tighinn a‑nìos às an Àibheis agus gus a dhol gu sgrios. Agus bidh iadsan a tha a' còmhnaidh air an talamh – aig a bheil ainmean nach eil air an sgrìobhadh ann an leabhar na beatha o thoiseach an t‑saoghail – fo iongnadh, nuair a chì iad a' bhiast a bha ann agus nach eil ann agus a bhitheas ann.


Agus chaidh ceadachadh dhìse a bhith air a h‑èideadh ann an anart mìn, soilleir is fìorghlan.” (Oir 's e an t‑anart mìn obraichean fìreanta nan naomh.)


Esan aig a bheil cluas, cluinneadh e dè a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean. Dhàsan a bhuadhaicheas, cha tèid a leòn idir leis an dara bàs.


Esan aig a bheil cluas, cluinneadh e dè a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean. Dhàsan a bhuadhaicheas bheir mi cead ithe de chraoibh na beatha, a tha ann am Pàrras Dhè.


Agus chunnaic mi na mairbh, beag is mòr, nan seasamh mu choinneamh na rìgh‑chathrach, agus chaidh leabhraichean fhosgladh; agus chaidh leabhar eile fhosgladh, as e leabhar na beatha, agus chaidh breith a thoirt air na mairbh a rèir na bha sgrìobhte sna leabhraichean, a rèir nan obraichean aca.


Agus ma bha neach sam bith nach robh air a lorg sgrìobhte ann an leabhar na beatha, bha e air a thilgeil dhan loch theine.


Agus chan fhaod neach sam bith tighinn a‑steach ann a tha neòghlan, no a nì cleachdadh de ghràinealachd is de bhreug, ach a‑mhàin na feadhna a tha sgrìobhte ann an leabhar‑beatha an Uain.


Agus ma bheir neach sam bith air falbh o fhacail leabhar na fàidheadaireachd seo, bheir Dia air falbh a phàirt‑san o chraobh na beatha 's às a' bhaile naomh, is dhe na rudan a th' air an sgrìobhadh san leabhar seo.


An neach a bhuadhaicheas, nì mise colbh dheth ann an teampall mo Dhè, agus cha tèid e a‑mach às a chaoidh agus sgrìobhaidh mi airsan ainm mo Dhè agus ainm baile mo Dhè, an t‑Ierusalem ùr, a tha a' tighinn a‑nuas à nèamh om Dhia, agus m' ainm ùr fhèin.


Ach tha beagan dhaoine agad ann an Sardis nach do thruaill an cuid aodaich agus a choisicheas leam ann an geal, oir tha iad airidh air.


Agus chaidh culaidhean geala a thoirt do gach neach dhiubh agus chaidh a chantainn riutha fois a ghabhail airson ùine bhig fhathast, gus an deigheadh àireamh an co‑sheirbheisich 's am bràithrean cuideachd a choileanadh, iadsan a bha gus a bhith air am marbhadh mar a bha iad fhèin.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan