Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 3:21 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

21 Dhàsan a bhuadhaicheas bheir mi dha suidhe leam air mo rìgh‑chathair, eadhon mar a bhuadhaich mise agus a shuidh mi lem Athair air a rìgh‑chathair‑san.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

21 Don tì a bhuadhaicheas bheir mi comas suidhe maille riumsa air mo rìgh-chathair, amhail fòs a bhuadhaich mise, agus a shuidh mi maille rim Athair air a rìgh-chathair-san.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

21 Don tì a bhuadhaicheas bheir mi comas suidhe maille riumsa air mo rìgh‐chathair, amhail fòs a bhuadhaich mise, agus a shuidh mi maille rim Athair air a rìgh‐chathair‐san.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

21 Dhasan, a bheir buaidh, bheir mi comas suidhe maille rium air mo chathair: amhuil mar a thug mise buaidh, ʼsa shuidh mi maille ri mʼ Athair air a chathair-san.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 3:21
24 Iomraidhean Croise  

Thuirt Ìosa riutha, “Gu deimhinn, tha mi ag ràdh ribh, sibhse a lean mise, anns an linn nuadh, nuair a shuidheas Mac an Duine air a chathair ghlòrmhor fhèin, suidhidh sibhse cuideachd air dà chathair dheug, a' toirt breith air dà threubh dheug Israeil.


“Thuirt a mhaighstir ris, ‘Is math a rinn thu, a sheirbheisich mhaith is dhìleis. Bha thusa dìleas thairis air beagan; cuiridh mise os cionn mhòran thu. Thig a‑steach do dh'aoibhneas do mhaighstir!’


Agus thàinig Ìosa is thuirt e riutha, “Chaidh a h‑uile h‑ùghdarras ann an nèamh agus air talamh a thoirt dhòmhsa.


airson gun ith agus gun òl sibh aig mo bhòrd‑sa nam rìoghachd, agus gun suidh sibh air cathraichean rìoghail, a' toirt breith air dà threubh dheug Israeil.


Ma tha Dia air a ghlòrachadh annsan, glòraichidh Dia esan cuideachd ann fhèin, agus glòraichidh e anns a' bhad e.


“Na rudan seo tha mi air a ràdh ribh airson 's gum biodh sìth agaibh annamsa. Anns an t‑saoghal bidh àmhghar agaibh. Ach biodh deagh mhisneachd agaibh! Thug mise buaidh air an t‑saoghal.”


ma bhuan‑mhaireas sinn, riaghlaidh sinn cuideachd còmhla ris. Ma dh'àicheas sinn esan, àicheidh esan cuideachd sinne.


agus a rinn sinn nar rìoghachd, sagartan do Dhia 's dha Athair‑san – dhàsan gu robh a' ghlòir agus a' chumhachd gu saoghal nan saoghal. Amen.


Agus bhuadhaich iad thairis air, tro fhuil an Uain, agus tro fhacal am fianais‑san, agus cha do ghràdhaich iad am beatha fhèin, eadhon gu bàs.


Nì iad seo cogadh an aghaidh an Uain, agus bheir an t‑Uan buaidh orra, oir is esan Tighearna nan tighearnan agus Rìgh nan rìghrean, agus tha iadsan a tha leis air an gairm, agus air an taghadh agus dìleas.”


Esan aig a bheil cluas, cluinneadh e dè a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean. Dhàsan a bhuadhaicheas bheir mi cead ithe de chraoibh na beatha, a tha ann am Pàrras Dhè.


Agus chunnaic mi rìgh‑chathraichean agus shuidh iad orra agus chaidh breitheanas a thoirt dhaibh, agus chunnaic mi anman na feadhna on deach an cinn a thoirt airson teisteanas Ìosa agus air sgàth facal Dhè, agus iadsan nach do rinn adhradh dhan bhèist no dhan ìomhaigh aice agus nach d' fhuair an comharra air clàr am bathais 's air an làmhan, agus thàinig iad beò is rìoghaich iad còmhla ri Crìosd airson mìle bliadhna.


Is beannaichte agus naomh an neach aig a bheil pàirt sa chiad aiseirigh; cha bhi cumhachd aig an dara bàs thairis orrasan, ach bidh iad nan sagartan do Dhia is do Chrìosd, agus riaghlaidh iad còmhla ris‑san airson mìle bliadhna.


Agus rinn thu iad nan rìoghachd agus nan sagartan dhar Dia, agus rìoghaichidh iad air an talamh.”


Agus chunnaic mi, agus seall, each geal agus bha bogha aig an neach a shuidh air, is chaidh crùn a thoirt dha agus chaidh e a‑mach a' buadhachadh 's airson gum buadhaicheadh e.


Oir bidh an t‑Uan a th' ann am meadhan na rìgh‑chathrach gam buachailleachd agus treòraichidh e iad gu fuarain uisgeachan beò agus suathaidh Dia air falbh a h‑uile deur on sùilean.”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan