Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 3:2 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

2 Dèan faire agus neartaich na tha air fhàgail, a tha gus bàsachadh; oir cha d' fhuair mi d' obraichean coileanta mu choinneamh mo Dhè.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 Bi faireil, agus neartaich na nithean a tha an làthair, agus a tha ullamh gu bàsachadh: oir cha d’fhuair mi d’obraichean coileanta am fianais Dhè.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 Bi faireil, agus neartaich na nithean a tha an làthair, agus a tha ullamh gu bàsachadh: oir cha d’fhuair mi d’obraichean coileanta am fianais Dhè.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

2 Bi ri faire, agus neartaich a chuid eile, a tha an coinneamh bàsachadh. Oir cha n-eil mi faighinn tʼ oibrichean lan an lathair mo Dhia.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 3:2
31 Iomraidhean Croise  

“Ach tha iad a' dèanamh an obraichean gu lèir airson a bhith air am faicinn le daoine. Oir nì iad na philactaraidhean aca leathann agus iomallan an aodaich mòr.


“Mar sin dèanaibh faire, air sgàth 's nach aithne dhuibh an latha no an uair.


“An uair sin dh'èirich na h‑òighean sin gu lèir agus dheasaich iad an lampaichean.


Às dèidh beagan ùine a chur seachad an sin, dh'fhàg e agus chaidh e o àite gu àite tro cheàrnaidh Ghalàtia is Phrigia, a' neartachadh nan deisciobal gu lèir.


A‑nis tha deireadh gach nì air teannadh dlùth, mar sin bithibh ciallach is sòbarra air sgàth ur n‑ùrnaighean.


Bithibh sòbarra, cumaibh faire, oir tha ur nàmhaid, an diabhal, a' coiseachd mun cuairt mar leòmhann beucach, a tha a' sireadh cò a shluigeas e.


(“Seall, tha mi a' tighinn mar mhèirleach: is beannaichte an neach a tha a' cumail faire agus a ghleidheas aodach‑san, airson 's nach coisich e rùisgte agus gum faic iad a nàire.”)


Ach tha seo agam nad aghaidh, gun do dh'fhàg thu do chiad ghràdh.


“Agus gu aingeal na h‑eaglaise ann an Sardis, sgrìobh: Seo na rudan a tha esan aig a bheil seachd spioradan Dhè agus na seachd rionnagan ag ràdh, Tha fios agam air d' obraichean, gu bheil ainm agad gu bheil thu beò, ach tha thu marbh!


Cuimhnich mar sin na fhuair agus na chuala tu, agus glèidh e agus dèan aithreachas. Mar sin, mura dèan thu faire, thig mi mar mhèirleach, agus cha bhi fios agad dè an uair aig an tig mi ort.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan