Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 3:12 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

12 An neach a bhuadhaicheas, nì mise colbh dheth ann an teampall mo Dhè, agus cha tèid e a‑mach às a chaoidh agus sgrìobhaidh mi airsan ainm mo Dhè agus ainm baile mo Dhè, an t‑Ierusalem ùr, a tha a' tighinn a‑nuas à nèamh om Dhia, agus m' ainm ùr fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

12 An tì a bheir buaidh, nì mi e na phost ann an teampall mo Dhè, agus cha tèid e nas mò a‑mach as: agus sgrìobhaidh mi ainm mo Dhè air, agus ainm cathair mo Dhè, as i Ierusalem nuadh, a thig a‑nuas o nèamh om Dhia: agus sgrìobhaidh mi m’ainm nuadh fhèin air.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

12 An tì a bheir buaidh, nì mi e na phost ann an teampall mo Dhè, agus cha tèid e nas mò a‑mach as: agus sgrìobhaidh mi ainm mo Dhè air, agus ainm cathair mo Dhè, as i Ierusalem nuadh, a thig a‑nuas o nèamh om Dhia: agus sgrìobhaidh mi m’ainm nuadh fhèin air.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

12 An neach a bheir buaidh, ni mi post dheth ann an teampull mo Dhia, ʼs cha teid e mach tuilleadh; agus sgriobhaidh mi ainm mo Dhia air, us ainm baile mo Dhia, Ierusalem nuadh, a tha tighinn a nuas á flathanas bho mo Dhia, agus mʼ ainm naomh fhein.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 3:12
26 Iomraidhean Croise  

Agus thug iad fear thuige, agus thuirt e riutha. “Cò leis a tha an coltas agus an sgrìobhadh seo?” Agus thuirt iadsan, “Le Cèasar.”


agus ag aithneachadh a' ghràis a chaidh a thoirt dhomh, thug Seumas is Cèphas is Eòin – a bh' air am meas a bhith nan colbhan – dhòmhsa is do Bharnabas deas‑làimh a' chomainn airson 's gun deigheadh sinne gu na Cinnich agus iadsan chun an timcheall‑ghearraidh.


air a bheil gach teaghlach air nèamh 's air thalamh air an ainmeachadh,


Ach tha sibh air tighinn gu Beinn Shioin agus gu baile an Dè bheò, an t‑Ierusalem nèamhaidh, agus mìltean de dh'ainglean a' dèanamh gàirdeachais,


Oir an seo, chan eil baile maireannach againn, ach tha sinn a' sireadh an Aoin a tha ri thighinn.


Tha sibhse, a chlann bheaga, o Dhia agus thug sibh buaidh orrasan, oir tha am fear a tha annaibh‑se nas motha na am fear a th' anns an t‑saoghal.


Agus chunnaic mi, agus seall, Uan na sheasamh air beinn Shioin agus còmhla ris ceud, ceathrad 's a ceithir mìle, aig an robh ainm‑san agus ainm Athar‑san, air an sgrìobhadh air clàr nam bathaisean aca.


Nì iad seo cogadh an aghaidh an Uain, agus bheir an t‑Uan buaidh orra, oir is esan Tighearna nan tighearnan agus Rìgh nan rìghrean, agus tha iadsan a tha leis air an gairm, agus air an taghadh agus dìleas.”


Esan aig a bheil cluas, cluinneadh e dè a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean. Dhàsan a bhuadhaicheas, cha tèid a leòn idir leis an dara bàs.


Esan aig a bheil cluas, cluinneadh e dè a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean. Dhàsan a bhuadhaicheas bheir mi dha am mana falaichte agus bheir mi dha clach gheal, agus air a' chloich ainm ùr sgrìobhte, aig nach eil fios aig duine ach aigesan a gheibh i.


Esan aig a bheil cluas, cluinneadh e dè a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean. Dhàsan a bhuadhaicheas bheir mi cead ithe de chraoibh na beatha, a tha ann am Pàrras Dhè.


Agus chunnaic mi am baile naomh, an t‑Ierusalem ùr, a' tighinn a‑nuas à nèamh o Dhia, air ullachadh mar bhean‑bainnse a bh' air a sgeadachadh airson a fir‑bainnse.


Agus chì iad aghaidh‑san agus bidh an t‑ainm aige air clàr am bathaisean.


An neach a bhuadhaicheas, bidh e air a sgeadachadh mar sin ann an aodach geal, agus cha dhubh mi idir ainm‑san a‑mach à rolla na beatha agus aidichidh mi ainm‑san mu choinneamh m' Athar agus mu choinneamh nan ainglean aige.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan