Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 22:3 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

3 Agus cha bhi mallachadh sam bith ann tuilleadh agus bidh rìgh‑chathair Dhè agus an Uain ann, agus nì a sheirbheisich seirbheis dha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

3 Agus cha bhi mallachd air bith ann nas mò: ach bidh rìgh-chathair Dhè agus an Uain innte; agus nì a sheirbhisich seirbhis dha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

3 Agus cha bhi mallachd air bith ann nas mò: ach bidh rìgh‐chathair Dhè agus an Uain innte; agus nì a sheirbhisich seirbhis dha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

3 Agus cha bhi mollachd ann idir tuille: ach bithidh cathair Dhe agus an Uain ann, agus ni a sheirbhisich seirbhis dha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 22:3
20 Iomraidhean Croise  

“Thuirt a mhaighstir ris, ‘Is math a rinn thu, a sheirbheisich mhaith is dhìleis. Bha thusa dìleas thairis air beagan; cuiridh mise os cionn mhòran thu. Thig a‑steach do dh'aoibhneas do mhaighstir!’


“An uair sin canaidh e riuthasan air a làimh chlì, ‘Thallaibh uam, a luchd mhallaichte, dhan teine sìorraidh a chaidh ullachadh dhan diabhal agus dha na h‑ainglean aige.


Ma nì neach sam bith seirbheis dhòmhsa, feumaidh e mo leantainn; agus ge b' e àite anns am bi mise, an sin bidh mo sheirbheiseach cuideachd. Ma nì neach sam bith seirbheis dhòmhsa, bheir m' Athair urram dha.


Ma tha Dia air a ghlòrachadh annsan, glòraichidh Dia esan cuideachd ann fhèin, agus glòraichidh e anns a' bhad e.


Agus ma thèid mi agus gun ullaich mi àite dhuibh, thig mi a‑rithist, agus gabhaidh mi sibh thugam fhèin, airson 's far a bheil mise, gum bi sibhse cuideachd.


“Athair, is miann leam cuideachd gum biodh iadsan a thug thu dhomh còmhla rium far a bheil mise, airson 's gum faiceadh iad mo ghlòir a tha thusa air a thoirt dhomh a chionn 's gun do ghràdhaich thusa mi mus deach bunaitean an t‑saoghail a stèidheachadh.


agus ag èigheach le guth àrd, thuirt iad: “Buinidh slàinte dhar Dia, a tha na shuidhe air an rìgh‑chathair, agus dhan Uan.”


Às dèidh nan rudan sin chunnaic mi; agus seall, co‑chruinneachadh mòr, nach b' urrainn do dhuine sam bith àireamh, o gach nàisean is treubh is cinneadh is teanga, a' seasamh mu choinneamh na rìgh‑chathrach agus mu choinneamh an Uain, air an èideadh ann an culaidhean geala agus slatan pailme aca nan làmhan,


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan