Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 22:12 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

12 “Seall, tha mi a' tighinn gu luath, agus tha mo dhuais agam, airson toirt do gach neach a rèir na h‑obrach aige.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

12 Agus, feuch, tha mi a’ teachd gu h‑aithghearr; agus tha mo luach-saothrach maille rium, a thoirt do gach aon fa leth, a rèir mar a bhios a ghnìomharan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

12 Agus, feuch, tha mi a’ teachd gu h‑aithghearr; agus tha mo luach‐saothrach maille rium, a thoirt do gach aon fa leth, a rèir mar a bhios a ghnìomharan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

12 Fiach thig mi gu h-aithghearr, ʼs tha mo dhuais maille rium, los toirt do ʼn h-uile duine a reir oibrichean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 22:12
19 Iomraidhean Croise  

Oir tha Mac an Duine a' dol a thighinn ann an glòir Athar, le na h‑ainglean aige, agus an uair sin bheir e air ais do gach neach a rèir na rinn e.


Mar sin bheir gach aon againn cunntas ma dheidhinn fhèin do Dhia.


Ma dh'fhanas obair neach sam bith a thog air a' bhunait, gheibh e duais.


Tha esan a chuireas agus esan a dh'uisgicheas nan aon, agus gheibh gach aon a thuarastal a rèir a shaothrach fhèin.


Agus bha na Cinnich feargach, agus thàinig d' fhearg‑sa agus àm breitheanas nam mairbh agus airson duais a thoirt dhad sheirbheisich na fàidhean, agus dha na naoimh agus dhaibhsan air a bheil eagal d' ainm, an fheadhainn bheaga is mhòra; agus airson iadsan a sgrios a tha a' sgrios na talmhainn.”


Agus marbhaidh mi a cuid chloinne le galar a' bhàis, agus bidh fios aig na h‑eaglaisean gu lèir gur mise esan a tha a' rannsachadh inntinnean is cridheachan, agus bheir mi do gach neach agaibh a rèir ur n‑obraichean.


Agus chunnaic mi na mairbh, beag is mòr, nan seasamh mu choinneamh na rìgh‑chathrach, agus chaidh leabhraichean fhosgladh; agus chaidh leabhar eile fhosgladh, as e leabhar na beatha, agus chaidh breith a thoirt air na mairbh a rèir na bha sgrìobhte sna leabhraichean, a rèir nan obraichean aca.


Tha an neach a tha a' toirt fianais air na rudan seo ag ràdh, “Seadh, tha mi a' tighinn gu luath.” Amen. Thig, a Thighearna Ìosa.


Agus seall, tha mi a' tighinn gu luath, “Is beannaichte an neach a ghleidheas faclan fàidheadaireachd an leabhair seo.”


Tha mi a' tighinn gu luath, glèidh na th' agad, gus nach toir neach sam bith air falbh do chrùn.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan