Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 21:8 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

8 Ach dhaibhsan a tha gealtach is eas‑creidmheach is gràineil is nam murtairean is nan adhaltranaich is nam buidsichean is a tha ri iodhal‑adhraidh agus dha na breugairean gu lèir, bidh am pàirt‑san san loch a tha a' losgadh le teine 's le pronnasg. 'S e sin an dara bàs.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

8 Ach aig an dream sin a tha gealtach, agus mì‑chreidmheach, agus gràineil, agus aig luchd-mort, agus strìopachais, agus draoidheachd, agus iodhal-adhraidh, agus aig na h‑uile bhreugairean, bidh an cuibhreann anns an loch a tha a’ dearg-lasadh le teine agus pronnasg, nì as e an dara bàs.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

8 Ach aig an dream sin a tha gealtach, agus mì‑chreidmheach, agus gràineil, agus aig luchd‐mort, agus strìopachais, agus draoidheachd, agus iodhal‐adhraidh, agus aig na h‑uile bhreugairean, bidh an cuibhreann anns an loch a tha a’ dearg‐lasadh le teine agus pronnasg, nì as e an dara bàs.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Laoidhean o na Sgriobtaran Naomha 1987

8 Do dhaoine bheir mo ghràsa pailt nì maith, gun luach, gu saor; O dhuine thartmhoir, òl do dhìol den ìocshlàint seo nach traogh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

8 Ach aig daoine gealtach, us ana-creideach, us truaillidh, ʼs aig luchd murtaidh, agus siursachd, us draoitheachd, us iodhol-aoraidh, ʼs aig briagadairean bithidh an cuibhrionn aca san lochan, a tha losgadh le teine ʼs le pronnastul: ni is e an darna bàs.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 21:8
39 Iomraidhean Croise  

Agus na biodh eagal oirbh on fheadhainn a mharbhas an corp ach nach urrainn an t‑anam a mharbhadh. An àite sin, biodh eagal oirbh on Aon as urrainn an dà chuid an corp 's an t‑anam a sgrios ann an Ifrinn.


mar sin bha an t‑eagal orm, is dh'fhalbh mi agus dh'fhalaich mi do thàlann san talamh. Seall, sin agad do chuid fhèin.’


Agus thuirt e riutha, “Carson a tha an t‑eagal oirbh, sibhse air bheag creideimh?” An uair sin dh'èirich e agus chronaich e na gaothan agus a' mhuir, agus bha ciùine mhòr ann.


far ‘nach bàsaich an cnuimh‑san, agus nach tèid an teine às.’


Tha sibhse o ur n‑athair an diabhal agus is iad miannan ur n‑athar as toigh leibh a dhèanamh. Bha esan na mhurtair on toiseach, agus cha sheas e anns an fhìrinn, a chionn 's nach eil fìrinn ann. Nuair a dh'innseas e breug, is ann uaithe fhèin a tha e a' bruidhinn, oir is e breugaire a th' ann agus is esan athair na brèige.


esan a tha a' tighinn a rèir obrachadh Shàtain, leis a h‑uile seòrsa cumhachd is comharra is mìorbhail bhreugach,


ann an cealgaireachd ag innse bhreugan, 's an cogaisean fhèin air an losgadh le iarann teth,


Tha iad a' tagradh gun aithne dhaibh Dia, ach nan gnìomhan tha iad ga àicheadh, oir tha iad gràineil agus eas‑umhail agus gun fheum airson a h‑uile deagh obrach.


agus Ìosa, eadar‑mheadhanair a' chùmhnaint nuaidh, agus fuil a' chrathaidh a tha ag ràdh rudan nas fheàrr na fuil Abeil.


Biodh urram aig na h‑uile dhan phòsadh agus chan eil an leabaidh‑pòsaidh ri bhith air a truailleadh, oir nì Dia breitheanas air luchd‑strìopachais agus luchd‑adhaltranais.


Cò e am breugaire ach esan a dh'àicheas gur e Ìosa an Crìosd? Is e seo an t‑ana‑crìosd, a tha ag àicheadh an Athar 's a' Mhic.


'S e murtair a th' anns a h‑uile neach aig a bheil fuath dha bhràthair, agus tha fios agaibh nach eil a' bheatha shìorraidh a' fantainn ann am murtair sam bith.


Esan a tha a' creidsinn ann am Mac Dhè, tha an fhianais ann fhèin. Esan nach eil a' creidsinn Dhè, tha e air breugaire a dhèanamh dheth, oir chan eil e air creidsinn san fhianais a thug Dia mu a Mhac fhèin.


òlaidh eadhon esan de dh'fhìon fearg Dhè a chaidh a dhòrtadh gun lagachadh ann an cupan fheirge‑san, agus bidh e air a chràdh ann an teine is pronnasg mu choinneamh nan ainglean naomha agus mu choinneamh an Uain.


Agus bha a' bhiast air a glacadh, agus còmhla rithe, am fàidh‑brèige a rinn comharraidhean ma coinneamh, leis an do mheall e iadsan a bh' air comharra na bèiste fhaighinn agus iadsan a rinn adhradh dha h‑ìomhaigh. Agus chaidh an dithis aca a thilgeil beò dhan loch theine a tha a' losgadh le pronnasg.


Esan aig a bheil cluas, cluinneadh e dè a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean. Dhàsan a bhuadhaicheas, cha tèid a leòn idir leis an dara bàs.


'S aithne dhomh d' obraichean agus do shaothair is do leanaltas, agus nach urrainn dhut giùlain le luchd‑uilc, agus gun do dhearbh thu iadsan a tha ag ràdh gu bheil iad nan abstoil 's nach eil, agus fhuair thu breugach iad.


Agus chan fhaod neach sam bith tighinn a‑steach ann a tha neòghlan, no a nì cleachdadh de ghràinealachd is de bhreug, ach a‑mhàin na feadhna a tha sgrìobhte ann an leabhar‑beatha an Uain.


Air an taobh a‑muigh tha na coin, is luchd na buidseachd is luchd an strìopachais is na murtairean is luchd an iodhal‑adhraidh agus a h‑uile neach a tha a' gràdhachadh 's a' cleachdadh na brèige.


Agus mar sin chunnaic mi na h‑eich san t‑sealladh agus iadsan a bha nan suidhe orra, aig an robh uchd‑èideadh de dhath an teine, is gorma is buidhe; agus bha cinn nan each mar chinn leòmhann, agus thàinig às am beòil teine is toit is pronnasg.


agus cha do rinn iad aithreachas airson nam murt aca, no airson nan draoidheachdan aca no airson nan strìopachasan aca no airson nan goidean aca.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan