Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 21:7 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

7 Sealbhaichidh an neach a bheir buaidh na rudan seo mar oighreachd agus bidh mi nam Dhia dhàsan agus bidh esan na mhac dhòmhsa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

7 Sealbhaichidh an tì a bheir buaidh na h‑uile nithean; agus bidh mise am Dhia dhàsan, agus bidh esan na mhac dhòmhsa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

7 Sealbhaichidh an tì a bheir buaidh na h‑uile nithean; agus bidh mise am Dhia dhàsan, agus bidh esan na mhac dhòmhsa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Laoidhean o na Sgriobtaran Naomha 1987

7 'S mi 'n ciad neach, 's an neach deireannach, gun ath'rrachadh, gu bràth; Atàim: seo m' ainm 's mo chuimhneachan air feadh gach linn gu bràth;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

7 Am fear a bheir buaidh, sealbhaichidh e na nichean so, agus bithidh mi na mʼ Dhia dha, us bithidh esan ʼna mhac dhomhsa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 21:7
26 Iomraidhean Croise  

Agus a h‑uile neach a dh'fhàg taighean no bràithrean no peathraichean no athair no màthair no clann no achaidhean air sgàth m' ainme‑sa, gheibh e a cheud uiread agus sealbhaichidh e a' bheatha shìorraidh.


“Thuirt a mhaighstir ris, ‘Is math a rinn thu, a sheirbheisich mhaith is dhìleis. Bha thusa dìleas thairis air beagan; cuiridh mise os cionn mhòran thu. Thig a‑steach do dh'aoibhneas do mhaighstir!’


“An uair sin canaidh an Rìgh riuthasan air a làimh dheis, ‘Thigibh, sibhse a tha beannaichte lem Athair‑sa, sealbhaichibh mar oighreachd an rìoghachd a th' air a deasachadh dhuibh o bhunait an t‑saoghail.


Fhad 's a bha e a' tòisicheadh air a shlighe, ruith duine suas thuige agus chaidh e sìos air a ghlùinean ma choinneamh, agus dh'fhaighnich e dha, “Fhir‑Teagaisg mhaith, dè a dh'fheumas mi a dhèanamh airson 's gun sealbhaich mi a' bheatha shìorraidh?”


Oir iadsan uile a th' air an treòrachadh le Spiorad Dhè is iad sin mic Dhè.


Oir tha an cruthachadh a' feitheamh le miann dealasach airson taisbeanadh clann Dhè.


No dè an t‑aonta a th' aig teampall Dhè ri iodhalan? Oir is sinne teampall an Dè bheò; dìreach mar a thuirt Dia, “Gabhaidh mi còmhnaidh annta is coisichidh mi nam measg, agus bidh mise nam Dhia dhaibh is bidh iadsan nan sluagh dhòmhsa.”


Agus “Bidh mise nam Athair dhuibh, agus bidh sibhse nur mic is nur nigheanan dhòmhsa, tha an Tighearna uile‑chumhachdach ag ràdh.”


'S e seo an cùmhnant a nì mi ri taigh Israeil às dèidh nan làithean sin, ars an Tighearna. Cuiridh mi mo laghannan nan n‑inntinnean agus sgrìobhaidh mi iad air an cridheachan. Agus bidh mise nam Dhia dhaibhsan agus bidh iadsan nan sluagh dhòmhsa.


gun a bhith ag ath‑phàigheadh olc airson uilc, no droch‑bheul airson droch‑bheòil, ach an àite sin beannaichibh, oir is ann chun a seo a chaidh ur gairm, gus an sealbhaich sibh beannachadh.


Esan aig a bheil cluas, cluinneadh e dè a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean. Dhàsan a bhuadhaicheas, cha tèid a leòn idir leis an dara bàs.


Esan aig a bheil cluas, cluinneadh e dè a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean. Dhàsan a bhuadhaicheas bheir mi dha am mana falaichte agus bheir mi dha clach gheal, agus air a' chloich ainm ùr sgrìobhte, aig nach eil fios aig duine ach aigesan a gheibh i.


a dh'aindeoin sin cumaibh grèim daingeann air na th' agaibh gus an tig mi.


Esan aig a bheil cluas, cluinneadh e dè a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean. Dhàsan a bhuadhaicheas bheir mi cead ithe de chraoibh na beatha, a tha ann am Pàrras Dhè.


Agus chuala mi guth àrd on rìgh‑chathair ag ràdh, “Seall, pàillean Dhè còmhla ri daoine, agus nì e còmhnaidh còmhla riutha, agus bidh iadsan nan sluagh dhàsan is bidh e fhèin, an Dia a tha còmhla riutha, na Dhia dhaibh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan