Taisbeanadh 20:3 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 20173 Agus thilg e dhan Àibheis e agus dhùin e suas e is chuir e seula thairis air, airson 's nach b' urrainn dha na nàiseanan a mhealladh tuilleadh gus am biodh am mìle bliadhna air an coileanadh; às dèidh nan rudan sin feumaidh e a bhith air a chur mu sgaoil airson ùine ghoirid. Faic an caibideilAm Bìoball Gàidhlig 19923 Agus thilg e e do shloc an dubh-aigein, agus dhùin e a‑staigh e, agus chuir e seula air, a‑chum nach mealladh e na cinnich tuilleadh, gus an crìochnaichte am mìle bliadhna: agus an dèidh sin, is èiginn gum fuasglar e rè ùine bhig. Faic an caibideilAm Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19923 Agus thilg e e do shloc an dubh‐aigein, agus dhùin e a‑staigh e, agus chuir e seula air, a‑chum nach mealladh e na cinnich tuilleadh, gus an crìochnaichte am mìle bliadhna: agus an dèidh sin, is èiginn gum fuasglar e rè ùine bhig. Faic an caibideilTiomnadh Nuadh (MacEachen) 18753 Agus thilg e e anns an t-sloc gun ghrunnd, us dhruid e stigh e, us chuir e seul air, los nach mealladh e tuille na cinnich, gus an coimhlionteadh am mile bliadhna; ʼs ʼnan deigh sin feumar fhuasgladh ùine ghoirid. Faic an caibideil |
A' bhiast a chunnaic thu, bha i ann 's chan eil i ann, agus tha i gus tighinn a‑nìos às an Àibheis agus gus a dhol gu sgrios. Agus bidh iadsan a tha a' còmhnaidh air an talamh – aig a bheil ainmean nach eil air an sgrìobhadh ann an leabhar na beatha o thoiseach an t‑saoghail – fo iongnadh, nuair a chì iad a' bhiast a bha ann agus nach eil ann agus a bhitheas ann.