Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 2:8 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

8 “Agus gu aingeal na h‑eaglaise ann an Smirna, sgrìobh: Seo na rudan a tha e ag ràdh, a' chiad neach 's an neach mu dheireadh, a bha marbh agus a tha beò:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

8 Agus a‑chum aingeal eaglais Smirna, sgrìobh: Na nithean seo tha esan ag ràdh, an Tì as e an ciad neach agus an neach deireannach, a bha marbh, agus a tha beò;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

8 Agus a‑chum aingeal eaglais Smirna, sgrìobh: Na nithean seo tha esan ag ràdh, an Tì as e an ciad neach agus an neach deireannach, a bha marbh, agus a tha beò;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

8 Agus gu aingeal eaglais Smirna sgriobh: So na nichean a tha a chiad aon, ʼs an t-aon deirionnach, a bha marbh, ʼsa tha beo, a g-radh:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 2:8
8 Iomraidhean Croise  

Oir airson an adhbhair sin fhuair Crìosd bàs, agus bha e beò a‑rithist, airson 's gum biodh Tighearnas aige an dà chuid thar nam mairbh is nam beò.


ag ràdh, “Na chì thu, sgrìobh ann an rolla, agus cuir gu na seachd eaglaisean e, gu Ephesus agus gu Smirna agus gu Pergamos agus gu Tiatìra agus gu Sardis agus gu Philadelphia agus gu Laodicèa.”


“Is mise an t‑Alpha agus an t‑Omega,” tha an Tighearna Dia ag ràdh, “a tha agus a bha agus a tha a' tighinn, an t‑Uile‑Chumhachdach.”


“Gu aingeal na h‑eaglaise ann an Ephesus, sgrìobh: Seo na rudan a tha esan a tha a' cumail nan seachd rionnagan na làimh dheis ag ràdh, esan a tha a' coiseachd am measg nan seachd lampairean òir:


Is mise an t‑Alpha agus an t‑Omega, a' chiad neach agus an neach deireannach, an toiseach agus an deireadh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan