Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 2:5 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

5 Cuimhnich mar sin cò às a thuit thu, agus dèan aithreachas is dèan na h‑obraichean a rinn thu an toiseach. Ach mura dèan, thig mi thugad agus gluaisidh mi do lampair às àite, mura dèan thu aithreachas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

5 Cuimhnich uime sin cia uaithe a thuit thu, agus gabh aithreachas, agus dèan na ciad obraichean; no thig mi ort gu grad, agus atharraichidh mi do choinnleir as àite, mura gabh thu aithreachas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

5 Cuimhnich uime sin cia uaithe a thuit thu, agus gabh aithreachas, agus dèan na ciad obraichean; no thig mi ort gu grad, agus atharraichidh mi do choinnleir as àite, mura gabh thu aithreachas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

5 Cuimhnich ma ta co as a thuit thu; us gabh aithreachas, us dian do chiad oibrichean: mur dian, thig mi ort, agus atharraichidh mi do choinnleir as ʼaite, mur gabh thu aithreachas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 2:5
34 Iomraidhean Croise  

“Is sibhse solas an t‑saoghail. Chan eil e an comas baile a tha suidhichte air beinn fhalach.


Cha mhotha a tha daoine a' lasadh lampa agus ga cur fo shoitheach, ach air an lampair, agus tha i a' soillseachadh an taighe gu lèir.


“Dè a nì am fear leis an robh am fìon‑lios? Thig e agus sgriosaidh e na tuathanaich agus bheir e am fìon‑lios do dh'fheadhainn eile.


Agus thèid e roimhesan ann an spiorad 's ann an cumhachd Eliah, airson cridheachan nan athraichean a thionndadh chun na cloinne, agus na h‑eas‑umhail gu gliocas nam fìrean, airson sluagh a dhèanamh deiseil dhan Tighearna a th' air an ullachadh.”


Thig e agus sgriosaidh e na tuathanaich seo agus bheir e am fìon‑lios do dhaoine eile.” Nuair a chuala iad seo, thuirt iad, “Na tachradh e gu bràth!”


Chaidh ur gearradh às o Chrìosd, sibhse a tha a' sireadh a bhith air ur fìreanachadh tron lagh; thuit sibh o ghràs.


airson 's gum bi sibh neo‑choireach is neoichiontach, nur cloinn do Dhia, neo‑lochdach am meadhan ginealaich fhiair is chlaoin, agus nam measg tha sibhse a' deàlradh mar sholais san t‑saoghal,


Ach cuimhnichibh air na làithean a dh'fhalbh, nuair a chaidh sibh tro dheuchainn mhòr‑fhulangais às dèidh dhuibh a bhith air ur soillseachadh:


Mar sin, a mhuinntir ghràdhaichte, a chionn 's gu bheil fios agaibh air a seo ro làimh, dìonaibh sib' fhèin mus toir mearachd dhaoine olc a thaobh sibh, 's gun tuit sibh o ur seasmhachd fhèin.


A‑nis dhàsan – a tha comasach air ur gleidheadh o thuisleadh, 's air ur nochdadh neo‑choireach fa chomhair a ghlòir, ann am mòr aoibhneas,


Dìomhaireachd nan seachd rionnagan a chunnaic thu nam làimh‑dheis, agus na seachd lampairean òir: 's iad na seachd rionnagan na h‑ainglean aig na seachd eaglaisean, agus 's iad na seachd lampairean na seachd eaglaisean.


Agus chaidh na daoine a losgadh le teas mòr agus thug iad toibheum do dh'ainm Dhè, esan aig an robh ùghdarras thairis air na plàighean seo, agus cha do rinn iad aithreachas airson 's gun toireadh iad glòir dha.


Dèan aithreachas, mar sin; oir mura dèan, thig mi thugad gu luath, agus nì mi cogadh nan aghaidh le claidheamh mo bheòil.


'S aithne dhomh d' obraichean agus an gràdh agus an creideamh agus an t‑seirbheis agus an leanaltas agus na h‑obraichean agad, gu bheil an fheadhainn mu dheireadh nas motha na a' chiad fheadhainn.


'S aithne dhomh d' obraichean agus do shaothair is do leanaltas, agus nach urrainn dhut giùlain le luchd‑uilc, agus gun do dhearbh thu iadsan a tha ag ràdh gu bheil iad nan abstoil 's nach eil, agus fhuair thu breugach iad.


Iadsan uile dha bheil gràdh agam, ceartaichidh mi agus smachdaichidh mi; bi eudmhor mar sin agus dèan aithreachas.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan