Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 2:26 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

26 Agus dhan neach a bhuadhaicheas agus dhan neach a ghleidheas m' obraichean‑sa chun an deiridh, bheir mi dhan neach sin ùghdarras thairis air na nàiseanan –

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

26 Agus an tì a bhuadhaicheas, agus a ghleidheas m’obraichean gus a’ chrìoch, dhàsan bheir mi cumhachd os cionn nan Cinneach:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

26 Agus an tì a bhuadhaicheas, agus a ghleidheas m’obraichean gus a’ chrìoch, dhàsan bheir mi cumhachd os cionn nan Cinneach:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

26 Us dhasan, a bheir buaidh, ʼsa chumas mʼ oibrichean thun na crìche, bheir mi cumhachd thairis air na cinnich,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 2:26
32 Iomraidhean Croise  

agus bidh fuath aig a h‑uile duine dhuibh air sgàth m' ainme‑sa, ach ge b' e a leanas air chun na crìche bidh e air a shàbhaladh.


Thuirt Ìosa riutha, “Gu deimhinn, tha mi ag ràdh ribh, sibhse a lean mise, anns an linn nuadh, nuair a shuidheas Mac an Duine air a chathair ghlòrmhor fhèin, suidhidh sibhse cuideachd air dà chathair dheug, a' toirt breith air dà threubh dheug Israeil.


ach bidh an neach a leanas air chun na crìche air a shàbhaladh.


Fhreagair Ìosa, “Is i seo obair Dhè, gun creid sibh anns an aon a chuir e a‑mach.”


dhaibhsan a tha le leanaltas ann an obair mhath a' sireadh glòir is urram is neo‑bhàsmhorachd, bheir e a bheatha shìorraidh;


Ach anns na rudan seo uile tha sinn a' toirt barrachd air buaidh troimhesan a thug gaol dhuinn.


Air an adhbhar sin, nuair nach b' urrainn dhomh cumail orm, chuir mi a dh'fhaighinn fios mur creideamh, mus buaireadh fear a' bhuairidh sibh air dhòigh sam bith, agus gun tigeadh ar saothair gu bhith dìomhain.


Ach tha Crìosd mar Mhac os cionn a thaighe‑san, is sinne a thaigh ma chumas sinn gu deimhinn an dànachd 's an dòchas, cùis ar bòstaidh.


Am bu toigh leat fios fhaighinn, a dhuine amaideich, gu bheil creideamh às aonais obraichean gun fheum?


Chaidh iad a‑mach bhuainne, ach cha bhuineadh iad dhuinne. Oir nam b' ann dhuinne a bhuineadh iad, bhiodh iad air fuireach còmhla rinn; ach tha an fhàgail aca a' dèanamh follaiseach nach ann dhinne a bha iad.


Agus is i seo àithne: gun creideamaid ann an ainm a Mhic, Ìosa Crìosd, agus gun gràdhaicheamaid càch‑a‑chèile, dìreach mar a dh'àithn e dhuinn.


Cò a bheir buaidh air an t‑saoghal, mura h‑e esan a chreideas gur e Ìosa Mac Dhè?


Esan aig a bheil cluas, cluinneadh e dè a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean. Dhàsan a bhuadhaicheas, cha tèid a leòn idir leis an dara bàs.


Esan aig a bheil cluas, cluinneadh e dè a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean. Dhàsan a bhuadhaicheas bheir mi dha am mana falaichte agus bheir mi dha clach gheal, agus air a' chloich ainm ùr sgrìobhte, aig nach eil fios aig duine ach aigesan a gheibh i.


Esan aig a bheil cluas, cluinneadh e dè a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean. Dhàsan a bhuadhaicheas bheir mi cead ithe de chraoibh na beatha, a tha ann am Pàrras Dhè.


Agus chunnaic mi rìgh‑chathraichean agus shuidh iad orra agus chaidh breitheanas a thoirt dhaibh, agus chunnaic mi anman na feadhna on deach an cinn a thoirt airson teisteanas Ìosa agus air sgàth facal Dhè, agus iadsan nach do rinn adhradh dhan bhèist no dhan ìomhaigh aice agus nach d' fhuair an comharra air clàr am bathais 's air an làmhan, agus thàinig iad beò is rìoghaich iad còmhla ri Crìosd airson mìle bliadhna.


Sealbhaichidh an neach a bheir buaidh na rudan seo mar oighreachd agus bidh mi nam Dhia dhàsan agus bidh esan na mhac dhòmhsa.


Agus cha bhi oidhche ann tuilleadh agus cha bhi feum aca air lampa no air solas na grèine, oir bheir an Tighearna Dia solas dhaibh agus rìoghaichidh iad gu saoghal nan saoghal.


An neach a bhuadhaicheas, nì mise colbh dheth ann an teampall mo Dhè, agus cha tèid e a‑mach às a chaoidh agus sgrìobhaidh mi airsan ainm mo Dhè agus ainm baile mo Dhè, an t‑Ierusalem ùr, a tha a' tighinn a‑nuas à nèamh om Dhia, agus m' ainm ùr fhèin.


Dhàsan a bhuadhaicheas bheir mi dha suidhe leam air mo rìgh‑chathair, eadhon mar a bhuadhaich mise agus a shuidh mi lem Athair air a rìgh‑chathair‑san.


An neach a bhuadhaicheas, bidh e air a sgeadachadh mar sin ann an aodach geal, agus cha dhubh mi idir ainm‑san a‑mach à rolla na beatha agus aidichidh mi ainm‑san mu choinneamh m' Athar agus mu choinneamh nan ainglean aige.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan