Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 2:25 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

25 a dh'aindeoin sin cumaibh grèim daingeann air na th' agaibh gus an tig mi.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

25 Ach cumaibh gu daingeann an nì a tha agaibh, gus an tig mi.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

25 Ach cumaibh gu daingeann an nì a tha agaibh, gus an tig mi.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

25 Ach sin a thʼ agaibh cumaibh gu teann gus an tig mi.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 2:25
16 Iomraidhean Croise  

Agus ma thèid mi agus gun ullaich mi àite dhuibh, thig mi a‑rithist, agus gabhaidh mi sibh thugam fhèin, airson 's far a bheil mise, gum bi sibhse cuideachd.


Agus sheas aon dhiubh, dham b' ainm Agabus, suas agus rinn e aithnichte tron Spiorad gum biodh gort mhòr air feadh an t‑saoghail. (Ghabh seo àite ann an làithean Chlaudiuis.)


Biodh gràdh gun cheilg. Biodh gràin agaibh dha na tha olc; cumaibh grèim daingeann air na tha math.


Oir cho tric is a dh'itheas sibh an t‑aran seo is a dh'òlas sibh an cupa, tha sibh ag aithris bàs an Tighearna gus an tig e.


Mar sin na toiribh breith ron àm, mus tig an Tighearna, a bheir gu solas an dà chuid na rudan a tha a‑nis falaichte ann an dorchadas agus a dh'fhoillsicheas rùintean a' chridhe. An uair sin gheibh gach aon cliù o Dhia.


Ach dearbhaibh a h‑uile sìon, cumaibh na tha math.


Gleidheamaid gu daingeann aideachadh ar dòchais gun a bhith eadar dà bharail, oir tha esan a thug an gealladh dìleas.


Ach tha Crìosd mar Mhac os cionn a thaighe‑san, is sinne a thaigh ma chumas sinn gu deimhinn an dànachd 's an dòchas, cùis ar bòstaidh.


Mar sin, on a tha àrd‑shagart mòr againn a chaidh a‑steach tro na nèamhan, Ìosa Mac Dhè, cumamaid gu daingeann ar n‑aidmheil.


Ach thig latha an Tighearna mar mhèirleach, anns an tèid na nèamhan seachad le fuaim mòr, agus thèid na h‑eileamaidean an cur ma sgaoil le dian‑theas, agus thèid an talamh agus na h‑obraichean a th' ann an losgadh suas.


“Seallaibh! Tha e tighinn le na sgòthan, agus chì a h‑uile sùil e, eadhon iadsan a lot e; agus nì treubhan na talmhainn gu lèir caoidh air a shon.” 'S iad a nì. Amen.


Tha an neach a tha a' toirt fianais air na rudan seo ag ràdh, “Seadh, tha mi a' tighinn gu luath.” Amen. Thig, a Thighearna Ìosa.


Agus seall, tha mi a' tighinn gu luath, “Is beannaichte an neach a ghleidheas faclan fàidheadaireachd an leabhair seo.”


Tha mi a' tighinn gu luath, glèidh na th' agad, gus nach toir neach sam bith air falbh do chrùn.


Cuimhnich mar sin na fhuair agus na chuala tu, agus glèidh e agus dèan aithreachas. Mar sin, mura dèan thu faire, thig mi mar mhèirleach, agus cha bhi fios agad dè an uair aig an tig mi ort.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan