Taisbeanadh 2:23 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 201723 Agus marbhaidh mi a cuid chloinne le galar a' bhàis, agus bidh fios aig na h‑eaglaisean gu lèir gur mise esan a tha a' rannsachadh inntinnean is cridheachan, agus bheir mi do gach neach agaibh a rèir ur n‑obraichean. Faic an caibideilAm Bìoball Gàidhlig 199223 Agus marbhaidh mi a clann leis a’ bhàs; agus bidh fhios aig na h‑eaglaisean uile gur mise an Tì sin a sgrùdas na h‑àirnean agus na cridheachan: agus bheir mi do gach aon agaibhse a rèir ur n‑obraichean. Faic an caibideilAm Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 199223 Agus marbhaidh mi a clann leis a’ bhàs; agus bidh fhios aig na h‑eaglaisean uile gur mise an Tì sin a sgrùdas na h‑àirnean agus na cridheachan: agus bheir mi do gach aon agaibhse a rèir ur n‑obraichean. Faic an caibideilTiomnadh Nuadh (MacEachen) 187523 Agus marbhaidh mi a clann gu bàs, us bithidh fios aig na h-eaglaisean uile gur mise fear-rannsachaidh nan airnean ʼs nan cridheachan: us bheir mi do gach neach agaibh a reir ur n-oibrichean. Ach tha mi g-radh ribhse, Faic an caibideil |
Thuirt e ris an treas uair, “A Shìmoin mhic Iònais, a bheil gràdh agad ormsa?” Bha Peadar brònach a chionn 's gun tuirt e ris an treas uair, “A bheil gràdh agad ormsa?” Agus thuirt e ris, “A Thighearna, is aithne dhut a h‑uile rud, tha fios agad gu bheil gràdh agam ort.” Fhreagair Ìosa, “Beathaich mo chaoraich.
Agus chunnaic mi, agus seall, each glas, agus b' e ainm an neach a bha na shuidhe air, Am Bàs, agus bha Ifrinn ga leantainn. Agus chaidh ùghdarras a thoirt dhaibh thairis air a' cheathramh pàirt dhen talamh, gus a bhith a' marbhadh leis a' chlaidheamh, is le gort, is leis a' bhàs, is le beathaichean fiadhaich na talmhainn.