Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 2:22 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

22 Seall, tilgidh mi ise ann an leabaidh‑tinneis agus iadsan a tha a' dèanamh adhaltranais leatha ann an trioblaid mhòr, mura dèan iad aithreachas o na h‑obraichean aicese.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

22 Feuch, tilgidh mi i ann an leabaidh, agus iadsan a tha a’ dèanamh adhaltranais rithe ann an àmhghar mòr, mura gabh iad aithreachas de a gnìomharan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

22 Feuch, tilgidh mi i ann an leabaidh, agus iadsan a tha a’ dèanamh adhaltranais rithe ann an àmhghar mòr, mura gabh iad aithreachas de a gnìomharan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

22 Faic, tilgidh mi ann an leabaidh i; agus bithidh iadsan, a tha dianamh striopachais rithe, an trioblaid ro-mhor, mur gabh iad aithreachas as an gniomhran.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 2:22
16 Iomraidhean Croise  

Cha robh, tha mi ag ràdh ribh! Ach mura dèan sibh aithreachas, thèid sibhse uile a sgrios cuideachd.


Cha robh, tha mi ag ràdh ribh! Ach mura dèan sibh aithreachas thèid sibhse uile a sgrios cuideachd.”


Tha eagal orm nuair a thig mi a‑rithist gur dòcha gun ìslich mo Dhia mi mur coinneamh, agus gur dòcha gun dèan mi caoidh mu mhòran dhiubh sin a pheacaich roimhe is nach do ghabh aithreachas dhen neòghlaine, strìopachais agus dhen fheòlmhorachd, a chuir iad an gnìomh.


leis an d' rinn rìghrean na talmhainn strìopachais is leis an deachaidh iadsan a bha a' còmhnaidh air thalamh a chur air mhisg le fìon a strìopachais.”


Oir dh'òl na nàiseanan uile de dh'fhìon caoch a strìopachais, agus rinn rìghrean na talmhainn strìopachas leatha agus dh'fhàs luchd‑reic na talmhainn beairteach le neart a h‑ana‑miannachd.”


“Agus nì rìghrean na talmhainn gal is caoidh air a son, iadsan a rinn strìopachas leatha agus a choilean ana‑miann, nuair a chì iad toit a losgaidh


Cuimhnich mar sin cò às a thuit thu, agus dèan aithreachas is dèan na h‑obraichean a rinn thu an toiseach. Ach mura dèan, thig mi thugad agus gluaisidh mi do lampair às àite, mura dèan thu aithreachas.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan