Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 2:20 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

20 Ach tha seo agam nad aghaidh, gu bheil thu a' fulang a' bhoireannaich ud, Iesebel, a tha a' gabhail ban‑fhàidh oirre fhèin, agus a tha a' teagasg 's a' mealladh mo sheirbheisich gus strìopachas a dhèanamh agus rudan a th' air ìobradh do dh'iodhalan ithe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

20 Gidheadh, tha agam beagan de nithean ad aghaidh, gu bheil thu a’ fulang don mhnaoi sin Iesebel, a tha ag ràdh gur ban-fhàidh i fhèin, mo sheirbhisich a theagasg agus a mhealladh a‑chum strìopachas a dhèanamh, agus nithean, a dh’ìobradh do iodhalan, ithe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

20 Gidheadh, tha agam beagan de nithean ad aghaidh, gu bheil thu a’ fulang don mhnaoi sin Iesebel, a tha ag ràdh gur ban‐fhàidh i fhèin, mo sheirbhisich a theagasg agus a mhealladh a‑chum strìopachas a dhèanamh, agus nithean, a dh’ìobradh do iodhalan, ithe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

20 Ach tha beagan agam ad aghaidh: gum beil thu leigeil leis a bhoirionnach Iesabel, a tha g-radh gur ban-fhaidh i fhein, mo sheirbhisich a theagasg, sa mhealladh gu striopachas a dhianamh, ʼs gu nichean a dhʼ iobradh do iodholan iche.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 2:20
19 Iomraidhean Croise  

ach gum bu chòir dhuinn sgrìobhadh thuca gu seachnadh iad: truaillidheachd iodhalan, is strìopachas, is na th' air a thachdadh, agus fuil.


gun seachain sibh na chaidh ìobradh do dh'iodhalan, agus fuil, agus na chaidh a thachdadh, agus strìopachas. Ma chumas sibh sib' fhèin o na rudan sin, nì sibh gu math. Slàn leibh.


Ach ma chanas cuideigin ribh, “Chaidh seo a thairgsinn ann an ìobairt,” mar sin na ithibh e, air sgàth an neach a dh'innis dhuibh, agus air sgàth cogais –


Ach tha rud no dhà agam nad aghaidh, a chionn 's gu bheil feadhainn agad an sin a tha a' cumail teagasg Bhalàaim, a theagaisg do Bhalac ceap‑tuislidh a thilgeil ro chloinn Israeil: na chaidh ìobradh do dh'iodhalan ithe agus strìopachas a dhèanamh.


Ach tha seo agam nad aghaidh, gun do dh'fhàg thu do chiad ghràdh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan