Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 2:2 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

2 'S aithne dhomh d' obraichean agus do shaothair is do leanaltas, agus nach urrainn dhut giùlain le luchd‑uilc, agus gun do dhearbh thu iadsan a tha ag ràdh gu bheil iad nan abstoil 's nach eil, agus fhuair thu breugach iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 Is aithne dhomh d’obraichean, agus do shaothair, agus d’fhoighidinn, agus nach urrainn thu giùlan leòsan a tha olc; agus gun do dhearbh thu iadsan a their gur abstoil iad fhèin, agus nach eadh, agus gun d’fhuair thu iad breugach;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 Is aithne dhomh d’obraichean, agus do shaothair, agus d’fhoighidinn, agus nach urrainn thu giùlan leòsan a tha olc; agus gun do dhearbh thu iadsan a their gur abstoil iad fhèin, agus nach eadh, agus gun d’fhuair thu iad breugach;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

2 Is aithne dhomh tʼ oibrichean, ʼs do shaothair, agus dʼ fhaighidin, agus nach urrainn dhut cur suas riusan a tha olc; agus chuir thu diachuinn orrasan, a tha g-radh gur ostail iad, ʼs nach eadh; agus fhuair thu briagach iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 2:2
21 Iomraidhean Croise  

Agus an uair sin canaidh mise gu follaiseach riutha, ‘Cha b' aithne dhomh riamh sibh, thallaibh uam a luchd‑dèanamh na h‑eucoir.’


(Ach thuirt e seo airson esan a dhearbhadh, oir bha fios aige fhèin dè a bha e a' dol a' dhèanamh.)


chan e gu bheil soisgeul eile ann, ach tha feadhainn ann a tha gur buaireadh 's ag iarraidh soisgeul Chrìosd fhiaradh.


Airson 's nach bi sinn tuilleadh nar leanabanan, air ar tonn‑luasgadh agus air ar giùlain mun cuairt leis a h‑uile gaoth teagaisg, le caran dhaoine, le seòltachd ann an innleachdan mheallta.


a' cuimhneachadh air obair ur creideimh, agus saothair ur gràidh, agus leanaltas ur dòchais nar Tighearna Ìosa Crìosd, fa chomhair ar Dia 's ar n‑Athair.


Ach dearbhaibh a h‑uile sìon, cumaibh na tha math.


Ach tha bunait dhaingeann Dhè a' seasamh, agus an seula seo aice: “Is aithne dhan Tighearna iadsan a tha leis fhèin,” agus “A h‑uile neach a dh'ainmicheas ainm an Tighearna, fàgadh e neo‑fhìreantachd.”


Oir chan eil Dia cho neo‑fhìreanta 's gun dìochuimhnicheadh e ur saothair agus an gràdh a sheall sibh dha ainm, mar a rinn sibh frithealadh agus mar a tha sibh fhathast a' frithealadh dha na naoimh.


A mhuinntir ghràdhaichte, na creidibh a h‑uile spiorad, ach dearbhaibh na spioradan – an ann o Dhia a tha iad, oir tha mòran fhàidhean‑brèige air a dhol a‑mach dhan t‑saoghal.


Cuimhnich mar sin cò às a thuit thu, agus dèan aithreachas is dèan na h‑obraichean a rinn thu an toiseach. Ach mura dèan, thig mi thugad agus gluaisidh mi do lampair às àite, mura dèan thu aithreachas.


Ach tha seo agad, gu bheil gràin agad air obraichean nan Nicolaiteach, air a bheil gràin agamsa cuideachd.


'S aithne dhomh do thrioblaidean agus do bhochdainn (ach tha thu beairteach) agus an toibheum uapasan a tha ag ràdh gur e Iùdhaich a th' annta fhèin, agus nach e, ach sionagog Shàtain.


“Agus gu aingeal na h‑eaglaise ann an Sardis, sgrìobh: Seo na rudan a tha esan aig a bheil seachd spioradan Dhè agus na seachd rionnagan ag ràdh, Tha fios agam air d' obraichean, gu bheil ainm agad gu bheil thu beò, ach tha thu marbh!


Tha fios agam air d' obraichean, nach eil thu fuar no teth. B' fheàrr gun robh thu fuar no teth.


'S aithne dhomh d' obraichean. Seall! Tha mi air doras fosgailte a chur mud choinneamh, nach urrainn do neach sam bith a dhùnadh, oir tha beagan cumhachd agad, agus ghlèidh thu m' fhacal agus cha do dh'àich thu m' ainm.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan