Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 2:17 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

17 Esan aig a bheil cluas, cluinneadh e dè a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean. Dhàsan a bhuadhaicheas bheir mi dha am mana falaichte agus bheir mi dha clach gheal, agus air a' chloich ainm ùr sgrìobhte, aig nach eil fios aig duine ach aigesan a gheibh i.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

17 An tì aig a bheil cluas, èisdeadh e ciod a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean: Don tì a bhuadhaicheas bheir mi ri ithe den mhana fhalaichte, agus bheir mi dha clach gheal, agus air a’ chloich ainm nuadh sgrìobhte, nach aithne do neach air bith, ach don tì a gheibh i.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

17 An tì aig a bheil cluas, èisdeadh e ciod a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean: Don tì a bhuadhaicheas bheir mi ri ithe den mhana fhalaichte, agus bheir mi dha clach gheal, agus air a’ chloich ainm nuadh sgrìobhte, nach aithne do neach air bith, ach don tì a gheibh i.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

17 Esan aig am beil cluas, cluinneadh e ciod a tha an Spiorad a g-radh ris na h-eaglaisean: Do ʼn fhear a bhuadhaicheas bheir mi manna diomhair, us bheir mi dha clach gheal, ʼs air a chloich ainm ùr sgriobhte, nach aithne do neach sa bith, ach dhasan a gheobh i.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 2:17
24 Iomraidhean Croise  

Agus fhreagair e iad, “Chaidh a thoirt dhuibhse eòlas a bhith agaibh air dìomhaireachdan rìoghachd nèimh, ach dhaibhsan cha deach a thoirt.


An neach aig a bheil cluasan, èisteadh e.”


Ach thuirt esan riutha, “Tha biadh agamsa ri ithe air nach eil fios agaibhse.”


Chan eil an neach nàdarra a' gabhail ri rudan Spiorad Dhè, oir tha iad nan amaideachd dha, agus chan eil e an comas dha an tuigsinn a chionn 's gu bheil iad air an tuigsinn gu spioradail.


Oir bhàsaich sibh, agus tha ur beatha falaichte còmhla ri Crìosd ann an Dia.


Is iad a' seinn òran ùr mu choinneamh rìgh‑chathrach Dhè agus mu choinneamh nan ceithir creutairean beòtha agus nan èildeir, agus cha robh neach sam bith comasach air an t‑òran ionnsachadh ach a‑mhàin an ceud, ceathrad 's a ceithir mìle, iadsan a chaidh a cheannach on talamh.


Agus air aodach‑san agus air a shliasaid bha ainm air a sgrìobhadh: RÌGH NAN RÌGHREAN AGUS TIGHEARNA NAN TIGHEARNAN.


Esan aig a bheil cluas, cluinneadh e dè a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean. Dhàsan a bhuadhaicheas, cha tèid a leòn idir leis an dara bàs.


Esan aig a bheil cluas, cluinneadh e dè a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean. Dhàsan a bhuadhaicheas bheir mi cead ithe de chraoibh na beatha, a tha ann am Pàrras Dhè.


Esan aig a bheil cluas, cluinneadh e dè a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean.”


Esan aig a bheil cluas, cluinneadh e dè a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan