Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 2:16 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

16 Dèan aithreachas, mar sin; oir mura dèan, thig mi thugad gu luath, agus nì mi cogadh nan aghaidh le claidheamh mo bheòil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

16 Dèan aithreachas, no thig mi ad ionnsaigh gu grad, agus cogaidh mi nan aghaidh le claidheamh mo bheòil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

16 Dèan aithreachas, no thig mi ad ionnsaigh gu grad, agus cogaidh mi nan aghaidh le claidheamh mo bheòil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

16 Mar an ciadna dian peanas: ʼs mur dian, thig mi ort gu h-ealamh, agus cathaidh mi ʼnan aghaidh le claidheamh mo bheoil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 2:16
15 Iomraidhean Croise  

Agus gabhaibh clogaid na slàinte, is claidheamh an spioraid – as e facal Dhè.


Agus an uair sin thèid fear an lagh‑dhiùltaidh fhoillseachadh, agus marbhaidh an Tighearna Ìosa e le anail a bheòil, agus sgriosaidh e le sealladh a thighinn fhèin e,


Agus na làimh dheis bha seachd rionnagan aige agus às a bheul thàinig claidheamh dà‑fhaobhair, geur, agus bha aodann mar a' ghrian a' deàlradh na cumhachd.


Agus chaidh na daoine a losgadh le teas mòr agus thug iad toibheum do dh'ainm Dhè, esan aig an robh ùghdarras thairis air na plàighean seo, agus cha do rinn iad aithreachas airson 's gun toireadh iad glòir dha.


Agus às a bheul chaidh claidheamh geur a‑mach, airson 's gum buaileadh e na nàiseanan, agus nì e am buachailleachd le slat iarainn, agus tha e a' stampadh amar‑fìona corraich fearg Dhè, an t‑Uile‑Chumhachdach.


Agus chaidh an còrr a mharbhadh leis a' chlaidheamh a tha a' tighinn a‑mach à beul an fhir a tha na shuidhe air an each. Agus chaidh an eunlaith gu lèir a shàsachadh leis an fheòil aca.


“Agus gu aingeal na h‑eaglaise ann am Pergamos, sgrìobh: Seo na rudan a tha esan aig a bheil an claidheamh geur, dà‑fhaobhair ag ràdh,


Cuimhnich mar sin cò às a thuit thu, agus dèan aithreachas is dèan na h‑obraichean a rinn thu an toiseach. Ach mura dèan, thig mi thugad agus gluaisidh mi do lampair às àite, mura dèan thu aithreachas.


Tha an neach a tha a' toirt fianais air na rudan seo ag ràdh, “Seadh, tha mi a' tighinn gu luath.” Amen. Thig, a Thighearna Ìosa.


Agus seall, tha mi a' tighinn gu luath, “Is beannaichte an neach a ghleidheas faclan fàidheadaireachd an leabhair seo.”


Iadsan uile dha bheil gràdh agam, ceartaichidh mi agus smachdaichidh mi; bi eudmhor mar sin agus dèan aithreachas.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan