Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 2:14 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

14 Ach tha rud no dhà agam nad aghaidh, a chionn 's gu bheil feadhainn agad an sin a tha a' cumail teagasg Bhalàaim, a theagaisg do Bhalac ceap‑tuislidh a thilgeil ro chloinn Israeil: na chaidh ìobradh do dh'iodhalan ithe agus strìopachas a dhèanamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

14 Gidheadh, tha beagan agam ad aghaidh, do bhrìgh gu bheil agad an sin an dream a tha a’ cumail teagasg Bhalàaim, a theagaisg do Bhalac ceap-tuislidh a chur ro chloinn Israeil, a‑chum nithean a dh’ìobradh do iodhalan ithe, agus strìopachas a dhèanamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

14 Gidheadh, tha beagan agam ad aghaidh, do bhrìgh gu bheil agad an sin an dream a tha a’ cumail teagasg Bhalàaim, a theagaisg do Bhalac ceap‐tuislidh a chur ro chloinn Israeil, a‑chum nithean a dh’ìobradh do iodhalan ithe, agus strìopachas a dhèanamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

14 Ach tha beagan agam ad aghaidh: a chionn gum beil feadhainn agad an sin a tha cumail teagasg Bhalaaim, a dhʼ ionnsuich do Bhalac ceap-tuislidh a chur romh chlann Israil, iad a dhʼ icheadh, agus striopachas a dhianamh:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 2:14
30 Iomraidhean Croise  

Is mairg dhan t‑saoghal air sgàth cheapan‑tuislidh! Oir feumaidh gun tig ceapan‑tuislidh, ach is mairg dhan neach sin tron tig an ceap‑tuislidh!


gun seachain sibh na chaidh ìobradh do dh'iodhalan, agus fuil, agus na chaidh a thachdadh, agus strìopachas. Ma chumas sibh sib' fhèin o na rudan sin, nì sibh gu math. Slàn leibh.


Ach a thaobh nan Cinneach a th' air creidsinn, tha sinne air litir a chur le ar breithneachadh gum bu chòir dhaibh iad fhèin a chumail o bhiadh a chaidh ìobradh do dh'iodhalan, agus o fhuil, agus o na chaidh a thachdadh, agus o strìopachas.”


Agus tha Daibhidh ag ràdh: “Biodh am bòrd aca a' tighinn gus a bhith na ribe 's na inneal‑glacaidh, na cheap‑tuislidh agus na ath‑dhìoladh dhaibh.


Air an adhbhar sin na toireamaid breith air càch‑a‑chèile, ach an àite sin roghnaicheamaid nach cuir sinn clach‑tuislidh no ceap‑tuislidh ann an slighe bràthar.


Tha e math gun fheòil ithe no fìon òl, no rud sam bith a dhèanamh a bheir air do bhràthair tuisleadh.


Carson? A chionn 's nach b' ann o chreideamh, ach mar gum b' ann o obraichean. Thuislich iad thairis air a' ‘chloich‑thuislidh.’


ach tha sinne a' searmonachadh Chrìosd air a cheusadh, dha na h‑Iùdhaich na cheap‑tuislidh, agus dha na Cinnich na amaideachd,


Ach air sgàth cùisean feise mì‑mhoralta, bu chòir do gach duine a bhean fhèin a bhith aige agus gach boireannach a fear fhèin a bhith aicese.


Biodh urram aig na h‑uile dhan phòsadh agus chan eil an leabaidh‑pòsaidh ri bhith air a truailleadh, oir nì Dia breitheanas air luchd‑strìopachais agus luchd‑adhaltranais.


agus, “Ceap‑tuislidh is creag oilbheim.” Tha iadsan a' tuisleadh a chionn 's gu bheil iad eas‑umhail dhan fhacal, mar a chaidh a ro‑òrdachadh dhaibh.


A' fàgail na slighe dhìreach, chaidh iad air seachran, a' leantainn slighe Bhalaaim, mhic Bhosoir, a ghràdhaich duais na neo‑fhìreantachd.


Is mairg dhaibh! Oir chaidh iad air slighe Chàin, agus ruith iad gu luath ann an seachran dhuais Bhalaaim, agus chaidh an sgrios ann an ana‑cainnt Chorah.


Ach tha seo agam nad aghaidh, gu bheil thu a' fulang a' bhoireannaich ud, Iesebel, a tha a' gabhail ban‑fhàidh oirre fhèin, agus a tha a' teagasg 's a' mealladh mo sheirbheisich gus strìopachas a dhèanamh agus rudan a th' air ìobradh do dh'iodhalan ithe.


Ach tha seo agam nad aghaidh, gun do dh'fhàg thu do chiad ghràdh.


Ach dhaibhsan a tha gealtach is eas‑creidmheach is gràineil is nam murtairean is nan adhaltranaich is nam buidsichean is a tha ri iodhal‑adhraidh agus dha na breugairean gu lèir, bidh am pàirt‑san san loch a tha a' losgadh le teine 's le pronnasg. 'S e sin an dara bàs.”


Air an taobh a‑muigh tha na coin, is luchd na buidseachd is luchd an strìopachais is na murtairean is luchd an iodhal‑adhraidh agus a h‑uile neach a tha a' gràdhachadh 's a' cleachdadh na brèige.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan