Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 2:13 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

13 Tha fios agam càit a bheil thu a' fuireach, far a bheil rìgh‑chathair Shàtain, agus tha thu a' cumail grèim daingeann air m' ainm, agus cha do dh'àich thu mo chreideamh, eadhon ann an làithean Antipais m' fhianais dhìleas, a chaidh a mharbhadh nur measg, far a bheil Sàtan a' fuireach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

13 Is aithne dhomh d’obraichean, agus càit a bheil thu ad chòmhnaidh, eadhon far a bheil cathair Shàtain: agus tha thu a’ cumail m’ainme-sa gu daingeann, agus cha d’àich thu mo chreideamh, eadhon anns na làithean sin anns an robh Antipas na fhianais fhìrinneach dhomh, a mharbhadh nur measg, far a bheil Sàtan na chòmhnaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

13 Is aithne dhomh d’obraichean, agus càit a bheil thu ad chòmhnaidh, eadhon far a bheil cathair Shàtain: agus tha thu a’ cumail m’ainme‐sa gu daingeann, agus cha d’àich thu mo chreideamh, eadhon anns na làithean sin anns an robh Antipas na fhianais fhìrinneach dhomh, a mharbhadh nur measg, far a bheil Sàtan na chòmhnaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

13 Is aithne dhomh càite a bheil thu fuireach, far a bheil suidheachan shatain; agus tha thu cumail mʼ ainme, ʼs cha dʼ aicheadh thu mo chreideamh. Agus sin sna ceart laithean anns an robh Antipas ʼna fhianuis dhilis dhomh, a mharbhadh ʼnur measg, far a bheil satan a tamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 2:13
27 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a nì iad geur‑leanmhainn oirbh ann an aon bhaile, teichibh gu baile eile; oir gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach bi sibh air sgur a dhol air feadh bhailtean Israeil mun tig Mac an Duine.


“An uair sin bheir iad thairis sibh gu àmhghar agus cuiridh iad gu bàs sibh, agus bidh fuath aig a h‑uile nàisean dhuibh air sgàth m' ainme‑sa.


An uair sin thuirt Ìosa ris, “Thalla uam, a Shàtain! Oir tha e sgrìobhte, ‘Nì thu adhradh dhan Tighearna do Dhia, agus dhàsan a‑mhàin nì thu seirbheis.’”


Fuathaichidh gach neach sibh air sgàth m' ainme‑sa.


Agus nuair a bha fuil Steaphain, d' fhianais‑sa, ga dòrtadh, bha mise mi fhèin nam sheasamh faisg air làimh agus ag aontachadh 's a' cumail sùil air aodach na feadhna a bha ga mharbhadh.’


Agus an seo tha ùghdarras aige o na h‑àrd‑shagartan iadsan uile a cheangal a tha a' gairm air d' ainm‑sa.”


Ach dearbhaibh a h‑uile sìon, cumaibh na tha math.


ach ma tha duine sam bith ann nach eil a' solarachadh airson a chàirdean agus gu sònraichte airson a theaghlaich fhèin, tha e air a' chreideamh àicheadh agus rud nas miosa, tha e na eas‑creidmheach.


Cùm an eisimpleir de dh'fhaclan fallain a chuala tu uamsa, ann an creideamh 's ann an gràdh ann an Crìosd Ìosa.


ma bhuan‑mhaireas sinn, riaghlaidh sinn cuideachd còmhla ris. Ma dh'àicheas sinn esan, àicheidh esan cuideachd sinne.


Gleidheamaid gu daingeann aideachadh ar dòchais gun a bhith eadar dà bharail, oir tha esan a thug an gealladh dìleas.


Ach tha Crìosd mar Mhac os cionn a thaighe‑san, is sinne a thaigh ma chumas sinn gu deimhinn an dànachd 's an dòchas, cùis ar bòstaidh.


Nach iadsan an fheadhainn a thug toibheum dhan deagh ainm leis a bheil sibh air ur gairm?


Agus o Ìosa Crìosd, an fhianais dìleas, an ciad‑ghin o na mairbh, agus riaghladair rìghrean na talmhainn. Dhàsan a tha gar gràdhachadh agus a shaor sinn o ar peacaidhean le fhuil fhèin,


Agus bheir mi ùghdarras dhan dithis fhianaisean agam, agus nì iad fàidheadaireachd airson mìle, dà cheud agus seasgad latha, 's iad air an èideadh ann an sac‑aodach.”


Agus bhuadhaich iad thairis air, tro fhuil an Uain, agus tro fhacal am fianais‑san, agus cha do ghràdhaich iad am beatha fhèin, eadhon gu bàs.


Agus bha a' bhiast a chunnaic mi mar liopard agus a casan mar fheadhainn mathain, agus a beul mar bheul leòmhainn agus thug an dràgon dhi a chumhachd‑san agus a rìgh‑chathair‑san agus ùghdarras mòr.


'S ann an seo a tha leanaltas nan naomh, iadsan a tha a' gleidheadh àithntean Dhè agus creideamh Ìosa.


Nì iad seo cogadh an aghaidh an Uain, agus bheir an t‑Uan buaidh orra, oir is esan Tighearna nan tighearnan agus Rìgh nan rìghrean, agus tha iadsan a tha leis air an gairm, agus air an taghadh agus dìleas.”


Agus chunnaic mi am boireannach air mhisg le fuil nan naomh agus le fuil luchd‑fianais Ìosa. Agus nuair a chunnaic mi i, bha iongnadh mòr orm.


'S aithne dhomh d' obraichean agus do shaothair is do leanaltas, agus nach urrainn dhut giùlain le luchd‑uilc, agus gun do dhearbh thu iadsan a tha ag ràdh gu bheil iad nan abstoil 's nach eil, agus fhuair thu breugach iad.


Tha mi a' tighinn gu luath, glèidh na th' agad, gus nach toir neach sam bith air falbh do chrùn.


Cuimhnich mar sin na fhuair agus na chuala tu, agus glèidh e agus dèan aithreachas. Mar sin, mura dèan thu faire, thig mi mar mhèirleach, agus cha bhi fios agad dè an uair aig an tig mi ort.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan