Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 2:10 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

10 Na biodh eagal idir ort o na tha thu dol a dh'fhulang. Seall! Tha Sàtan gus cuid agaibh a thilgeil dhan phrìosan gus an tèid ur dearbhadh, agus bidh trioblaid agaibh airson deich latha. Bi dìleas gu bàs, agus bheir mi crùn na beatha dhut.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

10 Na biodh eagal ort ro aon de na nithean sin a dh’fhuilingeas tu: feuch, tilgidh an diabhal cuid dhibh ann am prìosan, a‑chum gun dearbhar sibh; agus bidh àmhghar agaibh rè deich làithean: bi‑sa fìrinneach gu bàs, agus bheir mise dhut crùn na beatha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

10 Na biodh eagal ort ro aon de na nithean sin a dh’fhuilingeas tu: feuch, tilgidh an diabhal cuid dhibh ann am prìosan, a‑chum gun dearbhar sibh; agus bidh àmhghar agaibh rè deich làithean: bi‑sa fìrinneach gu bàs, agus bheir mise dhut crùn na beatha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

10 Na gabh eagal á ni dhiu sin a tha thu gu fulang. Fiach, tilgidh an deomhan cuid dhibh am priosan, gu diachuinn a chur oirbh; us bithidh sibh ann an càs deich latha. Bi-sa dileas gu bàs, agus bheir mi dhut, crùn na beatha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 2:10
36 Iomraidhean Croise  

agus bidh fuath aig a h‑uile duine dhuibh air sgàth m' ainme‑sa, ach ge b' e a leanas air chun na crìche bidh e air a shàbhaladh.


Agus na biodh eagal oirbh on fheadhainn a mharbhas an corp ach nach urrainn an t‑anam a mharbhadh. An àite sin, biodh eagal oirbh on Aon as urrainn an dà chuid an corp 's an t‑anam a sgrios ann an Ifrinn.


ach bidh an neach a leanas air chun na crìche air a shàbhaladh.


Fuathaichidh gach neach sibh air sgàth m' ainme‑sa, ach bidh an neach a leanas air chun na crìche air a shàbhaladh.


Oir ge b' e cò leis am bu toigh l' a bheatha a shàbhaladh, caillidh e i, ach ge b' e cò a chailleas a bheatha air mo shon‑sa 's airson an t‑soisgeil, sàbhailidh esan i.


“Ach roimhe seo uile, cuiridh iad an làmhan oirbhse agus geur‑leanaidh iad sibh, gur toirt thairis dha na sionagogan agus na prìosain, agus thèid ur toirt mu choinneamh rìghrean agus riaghladairean air sgàth m' ainme‑sa.


Ge b' e cò a ghràdhaicheas a bheatha, caillidh e i, agus esan a dh'fhuathaicheas a bheatha anns an t‑saoghal seo, gleidhidh e i airson na beatha sìorraidh.


Agus fhad 's a bha iad aig suipear, bha an diabhal mu thràth air a chur ann an cridhe Iùdais Iscariot, mac Shìmoin, esan a bhrath.


An uair sin, às dèidh dha an grèim a ghabhail, chaidh an Sàtan a‑steach ann. Mar sin thuirt Ìosa ris, “An rud a tha thu a' dol a dhèanamh, dèan gu luath e.”


Ach chan eil mi a' cunntadh mo bheatha mar luachmhor no prìseil dhomh fhèin, ma thèid agam a‑mhàin air mo thuras agus a' mhinistrealachd a fhuair mi on Tighearna Ìosa a chrìochnachadh, a' toirt fianais shòlaimte mu shoisgeul gràs Dhè.


An uair sin fhreagair Pòl, “Dè a tha sibh a' dèanamh, a' caoineadh agus a' briseadh mo chridhe? Oir tha mise deiseil chan ann a‑mhàin airson a bhith air mo chur an grèim ach fiù 's gus bàsachadh airson ainm an Tighearna Ìosa.”


Tha a h‑uile lùth‑chleasaiche a' cur fèin‑smachd an sàs sa h‑uile sìon. Tha iad ga dhèanamh airson crùin a thèid a dhìth fhaighinn, ach sinne, tè nach tèid a dhìth.


anns an do choisich sibh roimhe a rèir cùrsa an t‑saoghail seo, a rèir riaghladair cumhachd an adhair, an spiorad a tha a‑nis ag obrachadh ann an cloinn na h‑eas‑ùmhlachd,


Oir chan eil sinn a' gleac ri fuil is feòil, ach ri riaghladairean, ri ùghdarrasan, ri cumhachdan‑saoghail an dorchadais seo, ri cumhachdan spioradail na h‑aingidheachd sna h‑àiteachan nèamhaidh.


Is beannaichte an duine a dh'fhuilingeas buaireadh, oir air a dhearbhadh, gheibh e crùn na beatha, a gheall Dia dhan fheadhainn aig a bheil gràdh dha.


Agus nuair a thèid an t‑Àrd‑bhuachaille fhoillseachadh, gheibh sibh crùn neo‑chrìonach na glòire.


Bithibh sòbarra, cumaibh faire, oir tha ur nàmhaid, an diabhal, a' coiseachd mun cuairt mar leòmhann beucach, a tha a' sireadh cò a shluigeas e.


Agus bha i a' mealladh na feadhna a bha a' còmhnaidh air an talamh, tro na comharraidhean a chaidh a thoirt dhi, airson an dèanamh mu choinneamh na bèiste, ag ràdh riuthasan a tha a' còmhnaidh air an talamh ìomhaigh a dhèanamh dhen bhèist, aig an robh lot a' chlaidheimh agus a dh'fhan beò.


Agus bha a' bhiast a chunnaic mi mar liopard agus a casan mar fheadhainn mathain, agus a beul mar bheul leòmhainn agus thug an dràgon dhi a chumhachd‑san agus a rìgh‑chathair‑san agus ùghdarras mòr.


Agus chaidh a cheadachadh dhi cogadh a dhèanamh an aghaidh nan naomh agus buaidh fhaighinn thairis orra, agus chaidh ùghdarras a thoirt dhi thar a h‑uile treubh is sluagh is teanga is nàisean.


Nì iad seo cogadh an aghaidh an Uain, agus bheir an t‑Uan buaidh orra, oir is esan Tighearna nan tighearnan agus Rìgh nan rìghrean, agus tha iadsan a tha leis air an gairm, agus air an taghadh agus dìleas.”


Tha fios agam càit a bheil thu a' fuireach, far a bheil rìgh‑chathair Shàtain, agus tha thu a' cumail grèim daingeann air m' ainm, agus cha do dh'àich thu mo chreideamh, eadhon ann an làithean Antipais m' fhianais dhìleas, a chaidh a mharbhadh nur measg, far a bheil Sàtan a' fuireach.


'S aithne dhomh do thrioblaidean agus do bhochdainn (ach tha thu beairteach) agus an toibheum uapasan a tha ag ràdh gur e Iùdhaich a th' annta fhèin, agus nach e, ach sionagog Shàtain.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan