Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 2:1 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

1 “Gu aingeal na h‑eaglaise ann an Ephesus, sgrìobh: Seo na rudan a tha esan a tha a' cumail nan seachd rionnagan na làimh dheis ag ràdh, esan a tha a' coiseachd am measg nan seachd lampairean òir:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 A‑chum aingeal eaglais Ephesuis, sgrìobh: Is iad seo na nithean a tha an Tì a tha a’ cumail nan seachd reultan na làimh dheis, a tha ag imeachd ann am meadhon nan seachd coinnleirean òir, ag ràdh;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

1 A‑chum aingeal eaglais Ephesuis, sgrìobh: Is iad seo na nithean a tha an Tì a tha a’ cumail nan seachd reultan na làimh dheis, a tha ag imeachd ann am meadhon nan seachd coinnleirean òir, ag ràdh;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

1 Sgriobh gu aingeal eaglais Ephesuis: So na nichean, a tha esan, a tha cumail nan seachd reultan ʼna laimh dheis, a tha g-imeachd am miadhon nan seachd coinnleirean òir, a g-radh:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 2:1
20 Iomraidhean Croise  

Oir far a bheil dithis no triùir air an cruinneachadh nam ainm‑sa, an sin tha mise nam measg.”


a' teagasg dhaibh a bhith a' cumail a h‑uile rud a dh'àithn mise dhuibh. Agus seall, tha mise còmhla ribh an‑còmhnaidh, gu deireadh na linne.”


B' e lampa lasrach agus dheàlrach a bh' ann, agus roghnaich sibh toileachas a dhèanamh na sholas airson greis,


Agus thàinig iad gu Ephesus, agus dh'fhàg e an sin iad. Ach chaidh e fhèin a‑steach dhan t‑sionagog, agus reusanaich e ris na h‑Iùdhaich.


Ach a' fàgail soraidh leotha thuirt e, “Tillidh mi thugaibh mas e toil Dhè e,” agus sheòl e o Ephesus.


Agus thachair, fhad 's a bha Apollos aig Corint, gun deach Pòl tro sgìrean àrd na tìre agus thàinig e gu Ephesus. An sin fhuair e cuid de dheisciobail.


No dè an t‑aonta a th' aig teampall Dhè ri iodhalan? Oir is sinne teampall an Dè bheò; dìreach mar a thuirt Dia, “Gabhaidh mi còmhnaidh annta is coisichidh mi nam measg, agus bidh mise nam Dhia dhaibh is bidh iadsan nan sluagh dhòmhsa.”


Agus na làimh dheis bha seachd rionnagan aige agus às a bheul thàinig claidheamh dà‑fhaobhair, geur, agus bha aodann mar a' ghrian a' deàlradh na cumhachd.


Dìomhaireachd nan seachd rionnagan a chunnaic thu nam làimh‑dheis, agus na seachd lampairean òir: 's iad na seachd rionnagan na h‑ainglean aig na seachd eaglaisean, agus 's iad na seachd lampairean na seachd eaglaisean.


Agus bha comharra mòr air fhaicinn ann an nèamh, boireannach a bh' air a h‑èideadh leis a' ghrèin, agus a' ghealach fo a casan, agus crùn air a ceann de dhà rionnaig dheug.


“Agus gu aingeal na h‑eaglaise ann am Pergamos, sgrìobh: Seo na rudan a tha esan aig a bheil an claidheamh geur, dà‑fhaobhair ag ràdh,


“Agus gu aingeal na h‑eaglaise ann an Tiatìra, sgrìobh: Seo na rudan a tha Mac Dhè ag ràdh, esan aig a bheil a shùilean mar lasair theine agus a chasan coltach ri umha fìorghlan:


“Agus gu aingeal na h‑eaglaise ann an Smirna, sgrìobh: Seo na rudan a tha e ag ràdh, a' chiad neach 's an neach mu dheireadh, a bha marbh agus a tha beò:


“Agus gu aingeal na h‑eaglaise ann an Sardis, sgrìobh: Seo na rudan a tha esan aig a bheil seachd spioradan Dhè agus na seachd rionnagan ag ràdh, Tha fios agam air d' obraichean, gu bheil ainm agad gu bheil thu beò, ach tha thu marbh!


“Agus gu aingeal na h‑eaglaise ann an Laodicèa, sgrìobh: Seo na rudan a tha an t‑Amen, an fhianais dhìleas agus fhìor, toiseach cruthachaidh Dhè, ag ràdh,


“Agus gu aingeal na h‑eaglaise ann am Philadelphia, sgrìobh: Seo na rudan a tha esan ag ràdh, an Aon Naomh, an Aon Fìor, an Aon aig a bheil iuchair Dhaibhidh, an Aon a tha a' fosgladh 's nach dùin neach sam bith, agus a dhùineas is nach fosgail neach sam bith:


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan